Tar-sgrìobhadh: Na Naidheachdan – Artaigil 50
Shona NicEanraig: Sin agaibh e ma-thà. Bho chionn chairteal na h-uarach no mar sin, tha am Prìomhaire Theresa May air dearbhadh gu bheil i air Artagail a Leth-Cheud a’ Chunnradh Lisbon a chur an sàs. Chunnaic sinn ìomhaigh dìreach an ceartuair de Thosgaire na Rioghachd Aonaichte leis an Aonadh Eòrpach, Sir Tim Barrow, a’ toirt na litreach aig a’ Phrìomhaire do Dhòmhnall Tusk, ceann-suidhe na Comhairle Eòrpaich.
Tha an Rìoghachd Aonaichte a-nis ma-thà air an t-slighe oifigeil a-mach às an Aonadh Eòrpach, agus thairis air an leth-uair a thìde a th’ air thoiseach, bidh sinne a’ toirt thugaibh na naidheachd as ùire mu dheidhinn na tha ri fhoillseachadh dìreach an ceartuair.
Uill, ’s e eachdraidh air an eachdraidh a th’ air a bhith ann an t-seachdain sa thuige seo. An-dè, chuir Pàrlamaid na h-Alba taic ri moladh a dhol a dh’iarraidh cead oifigeil referendum eile a chumail air neo-eisimeileachd. ’S e ceist Bhrexit a bha a’ piobrachadh sin, clàr-ama Bhrexit a bh' aig a’ bhunait cuideachd. Tha Riaghaltas na h-Alba airson a’ Referendum a bhith ann ro Bhrexit oifigeil sam bith. Chan eil riaghaltas Westminster ge-tà deònach, chuala sinn sin an-diugh a-rithist.