Tar-sgrìobhadh: Feasgar – Moby Dick
Cathy NicDhòmhnaill agus Dòmhnall MacSuain
Dòmhnall: Tha mi a’ smaoineachadh gur e rud uabhasach inntinneach a bha seo. Tha mucan-mhara beò an-diugh a rugadh mus deach Moby Dick a sgrìobhadh.
Cathy: ’S dè cho aost’ ’s a tha sin gam fàgail?
Dòmhnall: Uill chaidh Moby Dick a sgrìobhadh ann an ochd ceud deug, leth cheud ’s a h-aon (1851), tha mi a’ smaoineachadh, le ...
Cathy: Faisg air dà cheud bliadhna a dh’aois?
Dòmhnall: Yeah – le Herman Melville. Nam biodh tu air faighneachd dhomhsa ’n-dè cò ...
Cathy: Och fuirich mionaid a-nist’!
Dòmhnall: Dè?
Cathy: Tha mi ’g ràdh, cha leig thu leas innse dhomh cò sgrìobh e, cha bhiodh fhios a’m!
Dòmhnall: Uill bha mi dol a ràdh, leabhar cho ainmeil agus nam biodh tu air faighneachd dhomh an-dè cò sgrìobh Moby Dick, cha b’ urrainn dhomh a bhith air innse dhut idir.
Cathy: Cha b’ urrainn. Cha b’ urrainn no mise.
Dòmhnall: Ach cò-dhiù, ’s e rud a tha gu math inntineach mun a seo, tha sinn a’ smaointinn gur e leabhar uabhasach aost’ a th’ ann am Moby Dick, agus ’s e leabhar aost’ a th’ ann – faisg air dà cheud bliadhn’ a dh’aois.
Agus ’s e rud a bha cho inntinneach ge-tà, dìreach am pìos naidheachd a bha seo, gu bheil mucan-mhara beò an-diugh a rugadh mus deach an leabhar sin a sgrìobhadh. Gu h-àraid – tha seo gu h-àraid a’ bruidhinn air na bowhead whales, agus ’s ann shuas anns an Arctic, tha mi smaoineachadh, a tha iad sin.
Agus am fear a sgrìobh an leabhar, Herman Melville, bha esan ag obair, a’ sealg mhucan-mhara airson dreiseag mus do sgrìobh e an leabhar.