Tar-sgrìobhadh: Prògram Choinnich
Màiri Bremner a’ deasbad ri Coinneach MacÌomhair mu phrìs thiogaidean nan itealan anns na h-Eileanan an Iar
Màiri: Tha rud eile air cùlaibh sin cuideachd a Choinnich. Na h-itealain a tha tighinn a Steòrnabhagh ’s a Bheinn na Fadhla, tha sineach – tha a’ phrìs an tiocaid, tha i mi-nàdarra, chan eil ann ach daoine a tha ann an gnìomhachas no daoine a’ falbh dhan ospadal, sin na h-aon daoine as urrainn... ’s e fìor, fìor chorra dhuin’ eile as urrainn a’ phrìs a tha na tiocaidean a tha sineach a phàigheadh, fhios agad?
Agus tha sinn air a bhith bruidhinn air an t-airgead a’ sìor fhàs teann, tha mi smaoineachdainn gur e barrachd is barrachd a bhios anns an t-suidheachadh a tha sineach anns na bliadhnaichean a tha romhainn, ’s chan eil mi fhìn a’ faicinn an dèan e diofar dè an t-itealan a bhios ann no cò a bhios a’ ruith na seirbhis ma tha na prìsean dol a bhith aig an ìre aig a bheil iad an-dràsta.
Coinneach: Uill gu dearbh, tha mi smaoineachadh gur e Iain MacAoidh a chuala mi an t-seachdain-sa ag ràdh cuideachd gum feumadh iad sùil a thoirt air an ADS a thoirt air ais do luchd-gnìomhachais, gu robh an t-uabhas de luchd-gnìomhachais a’ cleachdadh nan itealain ach gun do sguir tòrr ga chleachdadh bho chaidh na prìsean suas chun an ìre tha thusa ag ràdh – chan eil fhios agam a bheil beachd agad...?
Màiri: Ach eadhon aig a sin fhèin a Choinnich, tha a’ phrìs, tha mise a’ tuigsinn sin is mar a bha mi feuchainn ri ràdh riut cuideachd, ’s e luchd-gnìomhachais is daoine mar sineach a bha a' cleachdadh is a chleachdas na h-itealain is ’s ann aca ... ’s iad na h-aon daoine is aithne dhomhsa aig a bheil beagan airgid airson a chur a-mach agus nuair a tha daoine mar sineach, tha iad ann an cabhaig, tha iad airson a dhol an siud ’s an seo ann an cabhaig ’s tilleadh air ais gu bhith an ceann an cosnadh is a leithid sin. Ach... agus tha mi smaoineachadh gur e fìor dheagh rud a bh’ ann nan tigeadh beagachadh anns a’ phrìs a tha iad a’ pàigheadh.