Tar-sgrìobhadh: Sgeulachd Beatha
Mòrag NicLeòid a’ còmhradh ri Dòmhnall Camshron
Dòmhnall Camshron: A bheil sin, a bheil sin a’ ciallachadh gu robh gu leòr dhan teaghlach nach do dh’fhalbh?
Mòrag NicLeòid: Cha do dh’fhalbh – ’s mi a’ chiad duine. O dh’fhalbh iad, dh’fhalbh iad a dh’obair.
Dòmhnall: A-rithist?
Mòrag: Ach cha robh mise ach aona bliadhn’ deug nuair a dh’fhalbh mi.
Dòmhnall: Ohhh – shaoil mise ’s mi falbh aig ceithir-deug à Uibhist! Ach tha aona bliadhn’ deug dona buileach!
Mòrag: Bha e uabhasach.
Dòmhnall: Tha fhios gun do bhris e do chridhe!
Mòrag: Bha mi dìreach... theab mi bàsachadh. Agus ’s ann a-rithist... ’s ann orm fhèin a bha mi a' smaoineachadh. Ach smaoinich air mo mhàthair ’s m’ athair cuideachd. Ach mo mhàthair a' faicinn.... ’S bha mi beag, caol. Ann an dòigh, mar sin, cha smaoinichinn ach tilleadh ann a sheo nuair a fhuair mi cothrom. A dhol a dh’fhuireach am badeigin eile, bhithinn, mar gum bithinn, a’ dol an-aghaidh an fhaireachdainn a bh’ agam nuair a bha mi beag. Fhios agad, an gaol a bh’ agam air an àit’ an uair sin agus mar a bha mi leis a’ chianalas.
Dòmhnall: Tuigidh mi sin cho math. Sin agad e.
Mòrag: Dìreach beachd neònach agam gu robh e cealgach dhomh gun tighinn air ais ann a sheo...!
Dòmhnall: Bha do chrìdhe seo! Tha mo chridhe-s’ an Uibhist a Tuath ’s bha ’s bidh fhad ’s is beò mi. Bha thusa an aon rud son Scalpaigh. ’S tha mi cinnteach... nach eil an t-òran a ràdh, “’S binn guth an eòin far na dh’fhàs e.” ’S tha e cho fìor.
Mòrag: Tha, tha.