Main content

Tar-sgrìobhadh: Lorgan M’ Òige

Màrtainn Dòmhnallach

Màrtainn : Litir bhom mhàthair gu a bràthair, uaireigin as t-samhradh an 1942.

“Chaidh mi fhìn is Màrtainn air picnic suas gu mullach Beinn a’ Chlèibh an latha roimhe. Latha àlainn a bh’ ann, is chitheamaid a-null gu Geàrrloch. Bha Màrtainn a’ toirt a chreidsinn air fhèin gu robh e gad fhaicinn air drochaid a’ bhàt’ ann an Loch Iù. Saoil am b’ urrainn dhut oilisgin bheag a lorg dha an àiteigin? Chan eil gin am Port Rìgh. Naoi òirlich fichead a dh’fhaid’. Tapadh leat son a’ phìos sitheann. Tha e a’ bruich san àmhainn an-dràsta is deagh fhàileadh às. Bidh e againn air ar dìnnear a-nochd.”

Gu h-iongantach, tha fìor chuimhn’ agam air an latha ud – is dòcha a chionn ’s nach robh mi riamh roimhe cho fada mach am monadh, no cho àrd is gum faicinn a’ mhuir a’ sìneadh a-mach gu fàire. Latha àlainn a bh’ ann gun teagamh, is chitheamaid Geàrrloch thall mu ar coinneamh gun dragh sam bith. Is bha Loch Iù, far an robh bràthair mo mhàthair an ceann criuthaichean a lorg do chonvoyan na Ruis, beagan na b’ fhaid’ às air cùl a’ Rubha. Is a’ tionndadh mu dheas, chitheamaid na caoil a’ snàgail eadar Ratharsair is an t-Eilean Sgitheanach, gu ruige Scalpaigh. Is an uair sin a’ lùbadh air a’ chùl, sìos dhan a’ Chaol, far an robh m’ athair air tuga.