Main content

Tar-sgrìobhadh: Ealain Alba

Sìne Rodger a’ bruidhinn mu dhealbh ola

Sìne: Ma sheasas sinn, dìreach beagan bhuaithe, tha iad daonnan a ràdh g’ eil e nas fheàrr a bhith coimhead air ola pìos beag air falbh on an dealbh. Chì thu na stròcaichean aice. Chì thu mar a tha i a’ toir a’ bhruis no ’s dòcha an e sgian a th’ aice son na stròcaichean sin a chur ann. Chan eil an t-uamhas dhathan ann, mar a bhios tu coimhead – chì thu buidhe, geal agus ruadh còmhla, ach tha iad glè shocair cuideachd.

Tha an t-adhar ann a shin, tha mi smaoineachadh gu robh e rudeiginach dorcha, cha robh e grianach mar a tha e an-diugh, agus na taighean, bidh thu coimhead air na taighean agus bidh thu ag ràdh, “O uill, saoil am b’ urrainn dhi na b’ fheàrr na sin a dhèanamh?” Ach chan e sin a bha na h-inntinn. Bha i dìreach – mar a chunnaic is’ e, mar a chunnaic is’ e le sùil fhèin.