Main content

Tar-sgrìobhadh: Na Dùrachdan

Ailig: Shin agad sinne ma-thà! Feasgar Dihaoine againn aon uair eile, is tha an ceòl aig Blair, Blair Dùghlas a’ fuasgladh air Prògram Dhùrachdan na seachdainneach seo. Is mise Ailig Dòmhnallach, Ailig Bhaltois ann a sheo, air ais ann an Obar Dheathain, is ged a tha i brèagha, tha i fuar. Agus ann an Inbhir Nis, tha mi an dòchas co-dhiù, tha mo bhana-charaid à Bàgh a’ Chàise, Mairead NicIllFhinnein.
Mairead: Dè tha dol a’ thachairt a-nochd? Thug thu Ailig Dòmhnallach ort fhèin!
Ailig: Droch, droch chomharra ’s dòcha!
Mairead: Tha eagal orm gur e, fiù ’s aig an ìre a tha seo dhan phrògram, agus fàilte chridheil oirbhse gu prògram nan Dùrachdan. Dihaoine againn mar-thà a-rithist, agus tha i an aon rud an seo, tha i brèagha. Latha math air a bhith againn, turadh math ach tha i nas fhuaire cuideachd na bha i. Bha lathaichean brèagha againn tron t-seachdain ge-tà.
Ailig: Mar a chanadh iad o chionn fhada a Mhairead, "Cha tig fuachd gus an tig Earrach".
Mairead: Uill, cha tig, ach tha coltas an Earraich a’ tighinn oirre gun teagamh, is tha sinn a’ dèanamh toileachas ris a sin.
Tha sinn a’ dèanamh toileachas air na dùrachdan agaibhse, sin a tha gar fàgail ann a sheo. Mi fhèin agus Ailig gu ochd uairean cuimhnichibh sibhse. Agus tha sinn a’ tòiseachadh le, nise a’ chiad dhùrachd agus tha iad ga h-iarraidh cho luath ’s as urrainn às dèidh toiseach a’ phrògraim o chionn tha mi an amharas gu bheil sibh, cha mhòr, a’ dol a-mach an doras an-dràsta fhèin.