Main content

Tar-sgrìobhadh: Aithris na Maidne

Seumas: Bha mi airson an dualchainnt a chlàradh airson na ginealaich a tha ri teachd.
Agus le bhith a' dèanamh sin, bha mi an dùil 's an dòchas gun d' rachadh agam air an dualchainnt a chumail beò, gu ìre air choireigin.
Gun d' rachadh aig daoine a bha ag iarraidh sin a dhèanamh, an dualchainnt ionnsachadh às an leabhar agus a cumail beò nan cainnt làitheil.

Calum: Ciamar a tha an dualchainnt an-diugh? A bheil mòran ga bruidhinn fhathast?

Seumas: Chan eil mòran air fhàgail an-diugh gu mì-fhortanach, chan eil mòran air fhàgail, glè bheag de dhaoine air fhàgail a bhruidhneas an dualchainnt sin.
Mar sin, bha e uabhasach cudromach an obair sin a dhèanamh airson dìreach clàr cheart a dhèanamh dhen dualchainnt airson a h-uile duine a tha ri teachd, agus a h-uile duine a bha airson ionnsachadh.

Calum: Carson a chrìon an dualchainnt cho mòr? Carson nach eil daoine ann a tha ga bruidhinn?

Seumas: Uill tha mi a' creids' gun robh buaidh mhòr aig na fuadaichean air staid na cànain an seo - no na ruagaidhean a chanadh iad an seo an àite fuadaichean.
Gun robh buaidh mhòr aige sin air a' choimhearsnachd san fharsaingeachd, 's gun do chaill tòrr dhaoine am misneachd, agus am misneachd a thaobh dualchas agus cànan.
Fìor dhroch bhuaidh aig na sgoiltean air Gàidhlig san sgìre.
Na daoine ris an do bhruidhinn mise, cha d' fhuair iad cothrom Gàidhlig ionnsachadh san sgoil, agus a' mhòr-chuid aca, bha a' Ghàidhlig air a toirmeasg dhaibh anns an sgoil.
Cha robh cead aca Gàidhlig a bhruidhinn taobh a-staigh na sgoile.
Agus às dèidh bliadhnaichean mar sin, mar as trice às dèidh dhaibh tighinn a-mach às an sgoil, a' mhòr-chuid aca cha b' urrainn dhaibh a' Ghàidhlig a bhruidhinn tuilleadh.
Bha iad fhathast comasach air a' Ghàidhlig a thuigsinn, ach cha robh iad comasach air a' Ghàidhlig a bhruidhinn.
Bhiodh iad a' dol dhachaigh bhon sgoil, agus a' bruidhinn Beurla ris na pàrantan aca.'S ged a chumadh iadsan orra a' bruidhinn Gàidhlig, chumadh a' chlann orra a' bruidhinn Beurla.
Rinn cuid de na pàrantan oidhirp mhòr airson a' Ghàidhlig a chumail a' dol. Tha cuimhne agam boireannach a bhith ag innse dhomh nuair a thigeadh i dhachaigh às an sgoil a' bruidhinn Beurla gun canadh a h-athair rithe "na bi a' bruidhinn amaideachd san taigh seo!"

Calum: Dè na seòrsa rudan a tha a’ nochdadh anns an dualchainnt nach eil ann an dualchainntean eile? Dè na faclan a tha iad a’ cleachdadh an seo?

Seumas: Oh uill, leithid de rud ri "strianach", 's e sin a chanas iad an àite broc, agus nuair a bhios tu a' dol dhan leabaidh air an oidhche, bidh iad ag ràdh "cadal an strianaich dhut", gun caidil thu gu math.
An àite bàta, 's e "culaidh" mar a bu trice a chanadh iad. An àite crùbag, "rudhag". An àite ùrlar, no làr, "iùrlar".
An àite nighean no caileag, "irinneag". An àite, ciamar a tha thu?, "Cionnas a tha thu?" 'S e sin a chanas iad gu nàdarrach anns an dualchainnt tha seo.
Agus far an canadh daoine "tha an t-uisge ann", chanadh iadsan, "tha e a' bùrn", “tha e a’ bùrn”, an àite, “tha an t-uisge ann”.