Main content

Tar-sgrìobhadh: Taisbeanadh na h-Ìmpireachd

An Dtr Niall MacIlleDhuinn

Niall: Cha mhòr gu bheil cuimhn’ idir agam air! Cha robh mise ach còig bliadhna aig an àm sin agus tha e duilich dhomh dhèanamh a-mach an e cuimhn’ a th’ agam air no bheil mi a' dèanadh, a' cluinntinn dè bha mo phàrantan ag ràdh ‘s na caraidean a bha a' tighinn air chèilidh oirnn aig an àm.

Catrìona: Agus dè bha ur pàrantan ag ràdh mu dheidhinn?

Niall: Cha do chòrd e idir rim phàrantan. Gu sònraichte an clachan. Bha iad a’ smaointinn gu robh na boireannaich a bha sin... nach robh aonan aca snìomh ‘s mnathan eile ag obair air obair a’ chlò? Agus bha iad a’ smaointinn gu robh muinntir Ghlaschu a’ sealltainn orra mar car de “thùsanaich” a thàinig a-nuas à àite borb. Agus am measg an saoghal a bh’ ann, cha robh e furasta, chionn bha bochdainn ann, 's bha cion-obrach ann, cha robh an NHS ann, cha robh nì agus Hitler a’ dèanamh fuaim mì-chneasta san Roinn Eòrpa. Agus tha mi an dùil gu robh mo phàrantan a’ smaoineachadh nach robh e freagarrach a thaobh staid an t-saoghail an taisbeanadh a bhith ann idir.