Main content

Tar-sgrìobhadh: Guthan Binn nam Bonn

Anna Nic na Ceardaich

Anna: Diciadain às dèidh na farpais, bha mi ann an Woolies ann an Steòrnabhagh a’ ceannach maise-gnùis – dè eile a bhiodh nighean sia bliadhn’ deug a dh’aois a’ ceannach? – agus thachair mi ri tè a bha seinn còmhla ri coisir Ceann Loch Chille Chiarain – agus dh’fhaighneachd i dhomh dè an t-òran a bha mi dol a ghabhail san fharpais chrìochnachaidh. Thuirt mi gu robh mi ’n dùil “Nuair Thig Oirnn an Samhradh” a ghabhail. “O, chan urrainn dhut sin a ghabhail”, ars ise, “oir tha na còisirean a’ gabhail sin ann am farpais nan còisir.”

Mar sin, b’ fheudar dhomhsa dhol air ais dhan an taigh-òsta agus òran eile ullachadh aig a’ mhionaid mu dheireadh – agus ’s e “Gur moch rinn mi dùsgadh” a ghabh mi.

Air an latha fhèin, bha fhèileadh, blobhsa gheal is taidh thartain orm – agus bha mo ghruag uabhasach goirid, oir bha mi air droch perm fhaighinn, oir bha perms fasant’ aig an àm, agus bhon a bha mi caran coltach ri poodle mòr, gheàrr mi mo ghruag seachdain no dhà ron a’ Mhòd ’s cha mhòr gu robh gruag air fhàgail orm idir.