An Claigeann aig Damien Hurst
Le Daibhidh Walker
Dàibhidh Walker: Bha an taigh ann an Surrey, faisg air Cranleigh, air an dùthaich a bha e. Taigh mòr, eireachdail, suidhichte ann an fichead acair fearainn. Timcheall air, bha gàrradh a bha stèidhichte o chionn linntean le seann chraobhan agus lèanagan rèidh àlainn air an cumail gu grinn.
Bhon gheata mhòr iarainn suas gu ruigeadh an dorais aghaidh leis na colbhan spaideil Greugach, bha rathad còmhnard dìreach, agus rùm gu leòr air beulaibh an dorais airson treud chàraichean.
Thàinig an duine a-nuas na steapaichean, an duine leis an robh an taigh, Jon Fairley. B’ e aon dha na daoine a bu bheartaiche san dùthaich, agus cha robh e ga fhalach ann an dòigh sam bith. ’S ann a bha e pròiseil às mar a bha e air faighinn air adhart na bheatha.
Cha robh na athair ach mèinnear ann an Durham. Durham! Mo chreach ’s a thàinig, far an robh na mèinnean a’ dùnadh gun sgur nuair a bha e na ghille beag. A-nis, bha mèinneadh airson gual an ìre mhath san taigh-tasgaidh, na phàirt de dh’eachdraidh.