Tar-sgrìobhadh: Prògram Choinnich: Pà irt 2
Murchadh Peutan: Tha mòran dhen a’ bheachd gur e sin am pìos saidheans a bu chudromaiche anns an fhicheadamh linn uile gu lèir, gun do rannsaich iad a-mach structair an DNA. Agus, tha structair a tha sin ann an dòigh ga chur caran sìmplidh, tha e coltach ri, ma smaoineachas tu air àradh. Tha àradh air a dhèanamh le dà phìos mhòr fada maide air gach taobh, agus tha iad sin air an ceangal ri chèile le maidean tarsainn. Agus sin an seòrsa structair bunaiteach a th’ aig DNA, ach dìreach gu bheil an structair sin an uair sin car air a chur ann neo toinneamh air a chur ann. Ma smaoineachas tu air ’s dòcha àradh air a dhèanamh à rubber, agus grèim fhaighinn air an dà cheann, agus toinneamh a chur ann.
Coinneach MacÌomhair: Agus gu bheil sin anns a h-uile cealla a tha anns a h-uile duine air feadh an t-saoghail.
Murchadh Peutan: Tha gu dearbha, agus ’s e rud a tha eadar-dhealaichte anns an structair a tha seo, na maidean tarsainn ma dh’fhaodas mi a chur mar sin.
Coinneach MacÌomhair: Na rangan mar a chanadh sinne.
Murchadh Peutan: Na rangan, dìreach. Agus, ’s e sin a tha a’ tachairt nuair a tha daoine a’ rannsachadh còd DNA aig gach neach. Tha iad mar gum biodh a’ briseadh an structair a tha seo agus a’ coimhead air na rangan, na maideanan tarsainn, agus tha iad eadar-dhealaichte na rangan a tha seo, agus ’s e an òrdugh anns a bheil iad, ’s e sin a tha gar dèanamh eadar-dhealaichte.