Main content

Tar-sgrìobhadh: Geur-chainnt: Alasdair MacLeòid

Alasdair MacLeòid: Bha. Thàinig e nam chuimhne an uair ud nuair a bha Eàirdsidh a’ bruidhinn air an dotair. Thàinig e a-muigh mu dheidhinn am bodach a bha san ospadal, agus co-dhiù, bha e an dèidh dùsgadh agus bha dìreach surgeon dìreach a’ tighinn a-staigh air an doras. Agus rinn e air an leabaidh aige.
Agus, “Uill”, ars esan, “Ciamar a tha thu a’ faireachdadh?”
“Oh, chan eil mi gu dona idir”, ars esan.
“Oh”, ars esan, “a bheil thu”, ars esan, “airson an naidheachd mhath neo an droch naidheachd a chluinntinn an toiseach?"
“Oh”, ars esan, “thoir dhomh”, ars esan, “an droch naidheachd an toiseach”.
Agus, “Oh uill” ars esan, “’S e an droch naidheachd”, ars esan, “gum b'fheudar dhuinn an dà chas a thoirt dhìot fon a’ ghlùin.”
“Oh...”, ars esan, “oh ma tha sin mar sin”, ars esan, “feumaidh mi a bhith leis”, ars esan. “Dè nise”, ars esan, “an naidheachd mhath a th’ agad dhomh”, ars esan.
“Uill”, ars esan, “fear anns an leabaidh ri do thaobh”, ars esan, “tha e an dèidh offer uabhasach math a thoirt dhuinn air na slippers agad!”