Tar-sgrìobhadh: Smuain na Maidne
Dòmhnall Ryno Moireasdan a’ bruidhinn air Smuain na Maidne
An-diugh, bu mhath leam leantainn orm a’ tarraing smuain is beachd air Bliadhna na h-Òigridh, bliadhna far am faigh òigridh aithneachach agus cothrom compàirteachadh ann an diofar sheòrsa de thachartasan. Gu h-àbhaisteach, tha bliadhnaichean ar n-òige air an cleachdadh mar bhliadhnaichean far a bheil sinn ag ionnsachadh an t-uabhas. An toiseach, tha dùbhlain mar coiseachd is cànan, beagan aithne air a thogail air cò sinn agus cò dhà a bhuinneas sinn. Air adhart air an sin, togaidh sinn ar beachdan air càirdean agus air caraidean agus nas fhaide buileach, tachraidh sinn agus dèiligidh sinn ri mìorbhailean agus uabhasan an t-saoghail mhòir. ‘S dòcha gur e an saoghal mòr an t-àite as motha a bheir de dhùbhlain do dh’òigridh agus do na h-uile. Tha feum air furaileachd airson comhachadh an aghaidh gach seòrsa treige agus magaid a tha air an cleachdadh airson ar car a thoirt asainn. Aig amannan, tha feum air a dhol an aghaidh an t-sruth, duilich agus gum bheil e. Canaidh cuid gun do dh’ionnsaich iad am barrachd bho na mearachdan a rinn iad nam beatha na dh’ionnsaich iad bho na h-amannan soirbheachail. Aost no òg, nach eil sinn uile dualtach a dhol ceàrr bho àm gu àm?