Tar-sgrìobhadh: Eileanaich
Sgitheanaich (In this the sixth programme Alex MACDONALD chats to fellow Skye residents Seonaid MACLEOD, Mairianna MACKENZIE and Alasdair NICHOLSON)
Seonaid: Bidh mise a’ togail dhealbhannan agus tha mi a’ smaoineachadh, ’s e rud mu dheidhinn an eilein, ’s e solas a th’ againn. Tha solas cho diofraichte can tràth sa mhadainn no feasgar no ciaradh na h-oidhche.
Ailig: Agus bidh thu gan cur air Flickr, nach bi?
Seonaid: Bidh, am bi thu gan coimhead Ailig?
Ailig: Bidh, corra uair.
Alasdair: Bidh solas a’ dol sìos is suas!
Mairianna: Fad na h-oidhche!
Seonaid: Feuch gum bi thu a’ dol air-loidhne a-nise!
Alasdair: Tha mi a’ smaoineachadh gur e an tàladh a tha san eilean do dhaoine, agus na tha a’ tighinn a-staigh seo do dhaoine eadar-nàiseanta air feadh an t-saoghail, tha iad a’ tighinn dhan eilean seo is tha iad a’ faighinn a-mach mu dheidhinn. Agus tha mi a’ smaoineachadh gur e sin rud a tha math mu dheidhinn an eilein, a tha dòcha an dèidh an dòigh a thoirt air adhart, agus seall air an spionnadh a tha e air thoirt dhan eilean, is am feum air a dhèanamh do dh’iomadach duine thairis nam bliadhnaichean. Tha e glè mhath a bhith a’ coimhead air monaidhean is air talamh is air beagan lochan, chan eil ach dhà no trì lochan uile gu lèir. Ach, nuair a smaoineachas tu air a sin, ma ’s e sin uile na th’ agad, feumaidh gu bheil rudeigin a tha gur tàladh as na daoine cuideachd. Tha e a’ toirt air feadhainn tighinn, eadar-nàiseanta, a choimhead oirnn is a bhruidhinn rinn is a dh’fhuireach còmhla rinn.
Ailig: Is bidh iad a’ fuireach mar a tha thu a’ canail.
Alasdair: Oh tha fhios glè mhath gu bheil iad a’ fuireach.
Mairianna: Agus a’ tilleadh.
Alasdair: A’ tilleadh air ais bliadhna thar bliadhna.
Mairianna: Tha.
Ailig: Saoil ciamar a bhiodh an eilean mura biodh na coigrich idir ann, is mura biodh iad a’ fuireach? Dè seòrsa eilean a bhiodh againn an uair sin?
Alasdair: Bhiodh e mar a bha e an dèidh a’ chogaidh an sin. ’S e glè bheag a bha a’ tighinn agus ’s e an fheadhainn a bha a’ tighinn, bha airgead aca. B’ urrainn dhaibh an uair sin a phàigheadh air a shon. An fheadhainn a tha a’ tighinn an-diugh, chan eil an t-airgead aca ach aig an aon àm, tha e a’ còrdadh riutha is tha iad a’ fuireach an seo. Tha taobhachd ris an eilean a tha seo, agus tha taobhachd ris na h-eileanan uile. Nuair a thèid thu a-mach an-diugh, is mar a chì thu mar a tha na h-Eileanan an Iar air fosgladh a-mach cuideachd air sgàth gu bheil gnothaichean air tighinn air adhart.