Tar-sgrìobhadh: Far-ainmean
Ailean Caimbeul is Dòmhnall (Ryno) Moireasdan a’ bruidhinn mu chleachdaidhean far-ainmean
Ailean: Tha mi air cluinntinn bho caochladh dhaoine, fhios a’d, mar a bha far-ainmean ’s dòch’ gan toirt air daoine, agus ann am bitheantas air daoine, ach cha bhiodh daoine dualtach am far-ainm a bha sin a chleachdadh ri ’n aodann idir, nam biodh iad an làthair. ’S e an t-ainm baistidh a bhiodh iad a’ cleachdadh.
Dòmhnall: ’S e, ’s e, an t-ainm baistidh. ’S ann nam biodh iad a’ bruidhinn man deidhinn, chleachdadh iad am far-ainm, agus bhiodh am far-ainm aca anns a’ bhaile. Ach tha e iongantach, nuair a bhiodh iad a’ bruidhinn riutha fhèin, ’s e an t-ainm àbhaisteach. Ach bha sin ceart gu leòr airson bha fhios ac’ cò ris a bha iad a’ bruidhinn an uair sin!
Ailean: Ach bhitheadh, ann an teaghlaichean, bhiodh e ’s dòcha na bu bhitheanta gum biodh far-ainm a’ nochdadh cuideachd.
Dòmhnall: Bha, agus bhiodh pàtrain ann, mar “Surf” is “Lux” is rudan mar sin a’ ruith... Bhiodh pàtrain a’ ruith tro teaghlaichean far an robh ... ’s dòcha gur e, mar gum biodh, siabain nighe, no ’s dòch’ gur e, mar gum biodh, rudan a bhiodh a-staigh am broinn an taighe, no rudan a gheibheadh tu air an dreasair. Agus bha e iongantach mar a bha am pàtran sin a’ ruith cuideachd.