Tar-sgrìobhadh: Anna Latharna NicGillÌosa – Aitealan
Anna: Tha cuimhn’ agamsa nuair a ràinig mise aois aon bhliadhna thar fhichead, fhuair mi preusant co-là-breith. ’S e tape-recorder a bh’ ann agus bha mi dìreach air mo dhòigh cho glan. Agus a’ chiad rud a rinn mi, leum mi air bòrd bhus, chaidh mi suas gu Bruntsfield, a-steach gu taigh Uilleim. “Right, Maighstir MhicMhathain – seall am beathach ùr a th’ agamsa!”
“Uill, uill”, ars esan, “dè sheinneas mi dhut – dè chlàras mi dhut?”
Arsa mise, “Tha mise coma, càil sam bith a thogras sib' fhèin.”
“Uill”, ars esan, “an robh fhios agad Anna gun robh a h-uile facal a tha sgrìobhte ann am Bàrdachd Gàidhlig leis an Àrd-Ollamh ... Watson”, ge brith dè Gàidhlig a th' air Watson, “gu bheil fonn air a h-uile dàn a tha san leabhar sin, agus tha mi dol a sheinn tron leabhar a tha siud dhut.”
Thòisich e air taobh duilleig a h-aon agus chum e air gus an do ràinig e taobh duilleig trì cheud ’s a rudeigin! Ruith mi a-mach a teip mu mheadhan-oidhche, chum esan a’ seinn gu – chan eil fhiosam cuin!
Agus b’ e siud a bu choireach a chunnaic fear a’ bhainne, Dùn Èideann, mise, oileanach – ban-oileanach ògail le gruaig fhada agus sgiort ghoirid a’ tighinn a-mach à flat a’ mhinisteir aig seachd uairean sa mhadainn!