Tar-sgrìobhadh: Balaich Ostail Phort Rìgh
Murchadh Peutan a’ còmhradh ri Ailean Caimbeul mu làithean òige san ostail
Murchadh: Bha mi, ann an dòigh, toilichte gu leòr a bhith a' fàgail na sgoile, ged coltach ri iomadach duin’ eile, tha mi cinnteach, beagan iomagaineach mu dheidhinn dè bha romhainn anns an t-saoghal. Ach bha mi gu math tùrsach a bhith dealachadh ris na càirdean a bha còmhla rium anns a’ hostel agus tha cuimhn’ agam fhathast air an fheasgar a bha sin a dhol a-mach, ’s bha mi na mo sheasamh nam aonar air a’ fire-escape a bha ri taobh 'dorm' a dhà-dheug. Agus...
Ailean: Bhiodh daoine a’ dol a-mach an sin a smocadh!
Murchadh: Bhitheadh, mi fhìn nam measg, tha mi cinnteach! Ach tha cuimhn’ agam a bhith na mo sheasamh a-muigh ann a shin air a’ fire escape ’s dìreach a’ coimhead air ais air na bliadhnaichean a bha mi air a chur seachad anns a’ hostel, agus cho dlùth ’s a bha an càirdeas eadar mi fhìn agus balaich a bha còmhla rium agus cha mhòr nach robh na deòir anns na sùilean agam. Bha mi a’ faireachadh gu math, gu math tùrsach. Agus cha chreid mi gun do dh’aidich mi sin riamh chun an-dràsta fhèin.