Main content

Tar-sgrìobhadh: Sealladh Eile

Bidh mise falbh air "tour" - mi fhèin agus an duin’ agam Eamon, bidh sinn a’ falbh air "tour" uaireannan agus airson na cuairtean fada, tha na h-ighnean, bidh iad an còmhnaidh a’ tighinn còmhla rinn. Agus ‘s e dragh a th’ ann uaireannan, fhios agad, gan toirt far na sgoile agus gan toirt air falbh gu dùthchannan eile airson can trì no ceithir seachdainean.

Iain: Agus ma tha sibh air falbh cho fada sin, bheil iad a’ faighinn oideachadh air an rathad, mar gum biodh?

Julie: Uill bidh mise a’ cumail Gàidhlig riutha agus tha iad òg gu leòr fhathast, chan eil mòran obrach aca ri dhèanamh a thaobh na sgoile co-dhiù, chan eil fhathast. Ach tha iad a’ faighinn oideachadh ann an dòigh diofraichte - fhios agad, a bhith faicinn diofar chultaran ‘s choimhearsnachdan, agus uaireannan tha e a’ bualadh orm fhad ’s a tha sinn thall thairis...

Tha cuimhneam a bhith ann an Nevada ann an dà mhìle ‘s a sia-deug agus bha sinn air rathad gu math brèagha agus stad sinn ri taobh an rathaid agus thog mi dealbh. Agus mar a tha sinn san latha an-diugh, chuir mi air Facebook e agus mhothaich aon de na caraidean agam, Marella, a bhios a’ cluich ann an Cherish the Ladies agus chuir i teachdaireachd thugam, a’ ràdh gu robh Cherish the Ladies uileag, bha iad ann an Nervada cuideachd – agus nach robh iad air bookadh a-staigh gu taigh-òsta a bha dìreach leth-mhìle air falbh bhuainn.

Agus chaidh sinn a-mach gu dìnnear air an oidhche sin agus an ath latha chaidh sinn suas gu Lake Tahoe – àite dìreach air leth brèagha, àite eireachdail. Agus chaidh sinn sìos dhan tràigh agus chaidh sinn uile a shnàmh anns a’ loch tha sin. Agus dìreach bhuail e orm, dìreach air an latha sin cho fortanach ‘s a bha sinn agus bidh na h-ighnean a’ bruidhinn mun an latha sin, fhios agad, chun an latha an-diugh – chòrd e riutha cho mòr.