Tar-sgrìobhadh: Taisgte
Fionnlagh MacLeòid a’ còmhradh ri Calum Angus MacAoidh
Calum Aonghas: Àirnean Moire – a bhathas a’ cleachdadh, a-rèir coltais, gus a bhith na chuideachadh do bhoireannaich, leanabh a thoirt dhan t-saoghal.
Cha do lorg mise aon àirne mhoire air an tràigh an-diugh – ach tha Fionnlagh MacLeòid a tha a' fuireach an seo ann an Siabost air grunnan dhiubh a lorg, thairis air na bliadhnaichean.
Fionnlagh: Bha i na suidh’ air dùn feamad. Dìreach anns an tiùrr ann a shin, bha i air uachdar sin, ’s dh’aithnich mi anns a’ bhad dè bh’ ann. Agus ’s i an tè as motha dha na seòrsaichean a th’ ann - cnò-moire. Agus ’s e sin an tè as trice chìthear bhon a tha i cho mòr.
An duin’ as motha a rinn a chruinneachadh orra anns na h-eileanan againne, ’s e Uilleam MacGilvary a chruinnich iad, gu h-àraid ann am Barraigh, ach cuideachd ann an Steòrnabhagh is àiteachan eile, agus tha iad sin a-nise ann an Oilthigh Obar Dheathain bho chionn bhliadhnaichean mòr’. Agus bha suas ri fichead seòrsa anns an rud a chruinnich esan. Ach cha d’ fhuair mise ... fhuair mise dhà dhiubh, ach ’s e cnò-mhoire a bh’ anns na dhà.