Tar-sgrìobhadh: Ciadfathan
Ciadfathan le Dr Ruairidh Caimbeul agus Dr Iain MacAonghais
Dr Ruairidh Caimbeul: Tha dlùth-cheangal eadar fàileadh agus blas. Tha an dà chuid a’ dol còmhla, agus tha an dà chuid feumach airson do dhìon. Nist’, nuair a bhios sinn a’ bruidhinn air blas, tha e inntinneach gu bheil puinnseanan ann agus gu bheil iad cha mhòr air fad searbh. Mar sin, ma tha thu a’ toirt stuth searbh nad bheul, tha thu ga chaitheamh a-mach, agus anns an dòigh sin, tha e gad dhìon. Nist’, tha an dà chuid cho dlùth ri chèile ’s a ghabhas a bhith. Chan eil agad ach grèim a dhèanamh air do shròin nuair a tha thu ag ithe, agus tha thu a’ call a’ chuid mhòr dhen bhlas air a’ bhiadh.
Dh’fheuch eòlaichean air daoine agus an sùilean dùinte agus an t-sròn air a bhlocadh, agus cha b’ urrainn dhaibh a dhèanamh a-mach an diofar eadar uinnean air a phronnadh agus ubhal air a phronnadh. Tha sin a’ sealltainn cho dlùth ’s a tha an dà chuid ri chèile.
Dr Iain MacAonghais: Air an latha a th’ ann, agus na seòrsa bùithtean a gheibh thu anns na bailtean mòra is a leithid sin. Tha bùithtean ann far am faigh thu biadh, agus margaid cuideachd far am faigh thu biadh a tha dìreach a’ tighinn, dìreach o thuathanas neo leithid.
Ach, chan eil an aon bhlas air feòil neo air sitheann circe neo leithid sin ’s a bh’ air nuair a bha sinne òg agus bha na cearcan againn fhìn, bha na tunnagan againn fhìn is mharbhadh duine caora is a leithid sin. ’S ann ainneamh a gheibh thu am blas an-diugh às na bùithtean mòra, biadh às na bùithtean mòra, a gheibheadh tu air a’ bhiadh air an do thogadh sinne. Agus nuair a dh’fhairicheas tu blas ceart, fallain, nàdarra mar gum biodh, cha mhòr nach...tha e dìreach na aoibhneas dhut.