Main content

Tar-sgrìobhadh: Prògram Choinnich

Murchadh Peutan a’ còmhradh ri Coinneach MacÌomhair

Murchadh: Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil fios aig a’ mhòr-shluagh air fad càit’ a bheil Achadh na Cairidh oir chaidh sgeulachd na commandos fad is farsaing.

Coinneach: Uill gu dearbha agus tha an carragh-cuimhne ann a sin, nach eil? Agus an t-uabhas dhaoine a’ stad ann. Cuir nar cuimhne càit’ gu mionaideach a bheil e.

Murchadh: Tha e dìreach os cionn Drochaid an Aonachain faisg air a’ Ghearasdan, agus far an do thrèanaig na commandos, ’s ann ann an Achadh na Cairidh agus tha an t-ainm fhèin inntinneach dhòmhsa oir mar a tha fhios againn, tha sin pìos math bhon a’ mhùir. Agus bha mise a’ smaoineachadh riamh nach fhaiceadh tu cairidhean ach dìreach as a’ chladach ach tha e coltach gu bheil cairidhean aca air lochan muigh as a’ mhòintich cuideachd. Ach co-dhiù, biodh sin mar a tha e. Ann an naoi ceud deug is dà fhichead nuair a cho-dhùin Churchill gur e rud math a bhiodh ann buidheann do shaighdearan shònraichte a chruthachadh, bha iad a’ coimhead airson àite as an dèanadh iad an trèanadh a bha seo, an trèanadh sònraichte agus cho-dhùin iad gur e Achadh na Cairidh an t-àite a b’ fheàrr airson sin, agus bha adhbharan airson sin. Bha e a-mach às an rathad is cha b’ urrainn do luchd-brathaidh a bhith a’ faicinn is a’ cur fios a-null chun na nàmhaid mu dheidhinn dè bha tachairt. Bha an aimsir fliuch agus gu math mì-chàilear aig amannan agus bha seo feumail dhaibh agus cuideachd, bha an àrainneachd le beanntan is creagan 's gach eile, bha e freagarrach.