Main content

Tar-sgrìobhadh: Fèis Gàrraidh Ghlaschu 1988

Catrìona: Bha queue ann, bha sinn a’ feitheamh fad freastal gum faigheamaid air an Rock ‘n Roller Coaster a bha seo, agus...

Gilleasbuig: An d’ fhuair thu air?

Catrìona: Fhuair mu dheireadh thall! Agus cleas a h-uile duine bha thu air do strapadh a-staigh agus bha thu dèanamh... deich diogan? Dè bh’ ann? Fichead diog, cha robh e fad’ idir, ach bha “hurl” ann! ‘S bha thu air do chaitheamh, ‘s do thogail ‘s do thilleadh, ’s do chaitheamh ’s do thogail ’s do thilleadh a-rithist agus bha thu sgiamhail o thòisich e gun do chrìochnaich e. Do bheul fosgailte is sùilean dùinte!

Ach co-dhiù, se an rud a leugh mise gu robh – agus thug seo gàir’ orm – gu robh na cailleachan ’s na bodaich à Glaschu, gu robh an Rock ‘n Roller Coaster, a m’ eudail, a’ còrdadh leotha! Agus bhiodh na cailleachan agus na bodaich a’ dol air an rock ‘n roller coaster agus bha na cailleachan ‘s a handbag air an glùin. Agus a h-uile feasgar, gu robh security, nuair a switcheadh iad dheth an rock ‘n roller coaster, bha iad a’ togail suas leabhraichean a’ pheinnsean, sporain le sgillinnean, tasdain ’s a h-uile seòrsa rud agus dentures! A chionn gu robh iad a’ fosgladh am beul agus a’ sgiamhail agus bha na fiaclan a’ tuiteam a-mach! Speuclairean, sin rud eile! Adan! Bioraragan! A h-uile seòrsa rud a bha a' tighinn far ceann cuideigin bha e a’ landadh fon Rock ’n’ Roller Coster, chan fhaigheadh iad air ais e gus am biodh an rud a’ dol dheth! Chan eil fhiosam an d’ fhuair na daoine air ais na fiaclan, ach thug sin gàir’ ormsa nuair a bha mi dìreach a’ studaigeadh air, agus creididh mi e!