Tar-sgrìobhadh: Murchadh Peutan
Murchadh: ’S e fear William Willett a bheachdaich air seo an toiseach. Dh’fhoillsich esan pàipear air an robh an tiotal The Waste of Daylight agus bha esan a’ faireachdadh nan robh na clocaichean air a bhith air an cur air adhart as t-samhradh gun toireadh seo dhuinn barrachd uairean a thìde airson a bhith ag obair, agus gun sàbhaladh e airgead a bhathas a’ cosg air coinnlean ’s air gual ’s rudan mar sin.
Agus, an rud a bha esan a’ moladh, bha e gu math annasach. Bha e ag iarraidh anns a’ Mhàirt a h-uile bliadhna gun cuireadh sinn na clocaichean air adhart fichead mionaid gach seachdain airson ceithir seachdainean. Agus a-rithist as t-fhoghar, anns an t-Sultain, gun cuireadh sinn air ais iad fichead mionaid gach seachdain airson ceithir seachdainean a-rithist. Mar sin, bha esan ag iarraidh na clocaichean a chur air adhart uair a thìde is fichead mionaid.
Aonghas: Agus mar sin, ’s dòcha nam bithear ga dhèanamh air do shocair mar sin, chan fhaireachadh tu leum cho mòr, mar gum biodh.
Murchadh: Uill tha mi cinnteach gu robh sin ann ceart gu leòr, ach dh’fheumadh tu bhith dol timcheall ’s a’ cuimhneachadh, a h-uile seachdain na clocaichean atharrachadh!
Aonghas: Uill ma tha daoine a’ dol troimh-chèile leis an uair a thìde, ’s iongantach mura biodh sin air an cur triulaidh buileach!
Murchadh: Dìreach!