Main content

Tar-sgrìobhadh: Làithean Geala 2

Màiri Bheag

Ged a tha Calum mòr, garbh, làidir, chan eil a phiuthar ach caran beag, meanbh. Chan eil sin idir ag ràdh nach eil i fallain - is i a tha! Bidh a h-athair ag ràdh gu tric gu bheil i dìreach mar am breac. Cha robh Màiri bhochd a’ tuigsinn an toiseach gu dè air an t-saoghal a bha seo a’ ciallachadh, agus cha bhiodh i idir air a dòigh an uair a chluinneadh i e, oir bha dùil aice gur ann a bha a h-athair a’ fanaid oirre, ag ràdh gu robh ise coltach ri iasg! Tha làn fhios aice nis carson a bhitheas e ag ràdh seo, agus cha dèan i ach snodha-gàire an uair a chluinneas i e.

Bu chòir do Mhàiri a bhith nas lugha na Calum, oir tha i nas òige na e. Bha i naoi bliadhna a dh’aois toiseach an Earraich, agus tha sin a’ fàgail Chaluim dà bhliadhna nas sine na i. An uair a bha i sia bliadhna a dh’aois agus a chuala i gu robh Calum ochd, tha e coltach gu robh i ag ràdh – “Dà bhliadhna eile agus beiridh mi air!” Ach cha chan i dad cho faoin ri sin a-nis - tha i air fàs mòran nas glice.

Ged nach eil Màiri ach beag, tha i glè mhath air obair, agus is iomadh car a nì i. Bidh a màthair a’ gearain nach dèan i sin ach dìreach an uair a thogras i fhèin, agus gu bheil i coma co-aca ma bhitheas a sròn ann an leabhar. Gun teagamh sam bith, tha i air leth dèidheil air leughadh, ann an Gàidhlig agus ann am Beurla, agus tha sin ga fàgail nas fheàrr air obair-sgoile na a bràthair. Tha esan coma, bidh athair ag ràdh, ma gheibh e cothrom a bhith a’ breabadh buill, an uair nach eil an còrr aige ri dhèanamh.

Tha Màiri Bheag a’ cosg ùine mhòir air a leasain gach feasgar. Tha an t-ainm aice air a sgrìobhadh gu grinn, dòigheil air a leabhraichean gu lèir. Seach gur e nighean a tha innte, feumaidh ise “NicDhòmhnaill” a sgrìobhadh an àite “MacDhòmhnaill”.

A. Feuch a-nis air na ceistean seo:
1. “Mar am breac” - dè tha sin a’ ciallachadh?
2. Carson nach robh Màiri air a dòigh an uair a bha a h-athair ag ràdh gu robh i mar am breac?
3. Dè an aois a tha Màiri?
4. Dè tha fàgail Màiri nas lugha na Calum?
5. Carson nach beir Màiri air Calum ann an aois?
6. Dè an aois a bhitheas Màiri an uair a bhitheas Calum seachd-deug?
7. Carson a tha Màiri nas fheàrr anns an sgoil na Calum?
8. Dè is toigh le Calum a bhith dèanamh an uair nach bi obair aige?
9. Dè is toigh leat fhèin a bhith dèanamh?
10. Dè an ùine bhitheas tu fhèin a’ cosg air do leasain gach feasgar?

B. Far am faic thu àite falamh an seo, cuir facal air choireigin ann - am facal ceart!
l. Cho.... ris an t-sneachda.
2. Cho.... ri each.
3. Cho gòrach ris na h-....
4. Cho.... ris an fhitheach.
5. Cho.... ris a’ ghaoith.
6. Cho sunndach ri....
7. Cho....ris an iarann.
8. Cho....ris an fhuil.
9. Cho teth ris an....
10. Cho milis ris a’....

C. Dèan iad seo a-nis - gu dòigheil!
1. Tha duine.... math air obair.
2. Chan eil duine.... math air obair.
3. Tha duine.... deònach rud a thoirt seachad.
4. Chan e amadan idir a tha ann an duine....
5. ls e amadan a tha ann an duine....
6. Bidh duine.... an uair a bhitheas e ag obair ùine mhòr.
7. Tha an t-.... air duine an uair a tha e fada gun bhiadh.
8. Tha am pathadh air duine a tha fada gun....
9. Tha gille luath math air....
10. Cha bhi duine.... ag ràdh mòran.