Tar-sgrìobhadh: Là ithean Geala 3
Fear an Taighe
Chan eil mòran ann an sgìre Lag na Coille a tha cho trang ri Seumas, athair Chaluim, agus is math gu bheil cuideachadh aige anns an obair a tha aige ri dhèanamh. Chan e gun cuir obair chruaidh cùram sam bith air, oir tha e na dhuine làidir, èasgaidh, dìreach mar a bhitheas Calum fhèin an uair a thig e gu aois.
Tha a’ chlann fhèin cho òg agus gu bheil dùil aca gu bheil an athair agus am màthair cus nas sine na tha iad. Chan eil athair Chaluim agus Mhàiri ach ceathrad bliadhna ’s a h-aon, agus chan eil am màthair ach naoi-deug air fhichead. Tha iad le chèile làidir, sunndach, fallain, agus is iad a dh’fheumadh - is iomadh car a tha aca ri dhèanamh.
Is ann ri taobh Loch an Dùin a rugadh agus a thogadh Seumas, agus is ann an seo a bha e a’ fuireach a-riamh, ach gu robh e còrr is ceithir bliadhna anns an arm aig àm a’ chogaidh. Thug e beagan mhìosan anns an dùthaich seo fhèin an toiseach, agus bha e an uair sin anns an Fhraing, agus a-rithist anns an Eadailt agus anns a’ Ghearmailt. Is iomadh rud annasach a chunnaic e fad nam bliadhnachan sin, agus is fìor thoigh le Calum a bhith a’ cur cheistean air athair mu na dùthchannan sin. Cuiridh e annas air a’ mhaighstir-sgoile cho eòlach ’s a tha Calum air na tìrean seo, a tha cho fada air falbh.
Ged a tha Calum coltach ri athair, tha mòran ag ràdh gur ann a bhitheas e cus nas àirde na e an uair a thig e gu aois. Chan eil na athair ach còig troighean agus ochd òirlich a dh’àirde, ach bidh suas ri sia troighean ann an Calum fhèin mus sguir e a dh’fhàs. Tha falt bàn air athair dìreach mar a tha air Calum fhèin, ach tha ròinneagan glasa a’ fàs na mheasg a-nis, agus tha e a’ fàs car tana. Bidh a bhean a’ tarraing às airson seo gu math tric, ag ràdh gu bheil e gus a bhith na bhodach!
A. Freagair na ceistean seo a-nis, cho math ’s a thèid agad air:
1. Gu dè an seòrsa duine tha ann an athair Chaluim?
2. Tha e feumail gu bheil e mar seo - carson?
3. Carson a tha a’ chlann an dùil gu bheil am pàrantan sean?
4. Dè an aois a tha athair Chaluim?
5. Dè an aois a tha a mhàthair?
6. Dè an aois a bha iad o chionn deich bliadhna air ais?
7. Càit an robh Seumas aig àm a’ chogaidh?
8. Dè an ùine bha e anns an arm?
9. Dè an àird a tha ann an athair na cloinne?
10. Saoil dè an àird a tha ann am balla na sgoile?
B. Lìon gach àite falamh an seo le facal freagarrach:
1. Bidh.... a’ dèanamh aodaich.
2. Bidh.... ag obair le fiodh.
3. Bidh.... ag obair le iarann.
4. Bidh lìon-sgadain aig....
5. Bidh.... a’ càradh bhròg.
6. Bidh.... a’ gleidheadh chaorach.
7. Bidh.... ag obair air an fhearann.
8. Bidh.... ag obair ann am bàta-smùide.
9. Bidh.... a’ reic ann am bùth.
10. Is e.... a bhitheas annam fhèin an uair a dh’fhàsas mi mòr.
C. Faic iad seo an toiseach, agus seall gu geur orra:
1' - troigh;
2' - dà throigh;
2' 6" - dà throigh gu leth;
3' 3" - trì troighean agus trì òirlich;
5' 8" - còig troighean agus ochd òirlich.
Tha thu a’ tuigsinn, nach eil? Sgrìobh iad seo a-nis - ann an Gàidhlig:
(a) 3' 7" (b) 5' 9" (c) 7' 8" (d) 4'10"
(e) 6' 5" (f) 3' 6" (g) 8' 3" (h) 9' 2"
(i) 9' 11" (l) 12' 4"