Main content

Tar-sgrìobhadh: Eadar Dà Shaoghal

“Woof”, arsa Queen, is i na laighe air a cuid pocannan aig an doras cùil. Bha i na leth cadal is cha do chuir an rud a dh'idir i mòran dragh oirre.
Bha e beagan às dèidh tràth-diathad. Bha mo mhàthair a’ càradh stocainnean is Antaidh Chris a’ fighe. Antaidh Cairistiona le dealgan. Mo sheanmhair anns an rùm a-staigh, is m’ athair còmhla rithe anns an t-sèithear mhòr a’ leughadh pàipearan Dhisathairn'. Bhathar air ruighinn Dimàirt.
Chuala sinn ceum air an staran, is chuala sinn guth Dhànaidh Chamshron.
“Hello”, ars esan, “parcel for you”, is thàinig e a-steach is chuir e am parsail air a’ bhòrd.
’S ann bho tìr-mòr Alba a bha Dànaidh Camshron is gun Ghàidhlig aige. Bha e a’ fuireach ann an taigh a’ phuist ann am Breàcleit. Mura b’ e postair a bh'air a bhith ann, bhiodh e air fear-naidheachd math a dhèanamh. Bha e math air naidheachdan a' sgaoileadh.
Chaidh mo mhàthair chun an dreasair, is thug i sporan dubh às, is chunnt i an airgead ann an làmh Dànaidh Camshron.
“Uill, ’s e JD”, arsa mo mhàthair, “cha robh dùil agamsa gun tigeadh seo gu an t-seachdain ’s a’ tighinn. Tha Oxendales math air seacaidean beag, ach chan eil duine cho math air brògan ri JD”.
Stiall i am pàipear bhon a’ pharsail, is thug i dhòmhsa am bucas. Thug mi mullach dheth, agus ann a shin, bha dà Lorne ghleansach dhubh. Bha iad cho grinn ri dà ornament a chuireadh tu air a’ mhantelpiece.
Ach bha làn fhios agamsa carson a bha na Lornes. Bha mise a’ dol dhan sgoil.