Main content

Tar-sgrìobhadh: Feasgar le John Joe MacNèill

John Joe MacNèill: A bheil cù no cat agaibh a Chathy?

Cathy Bhàn: An dà chuid.

John Joe: A bheil? O uill.

Cathy: An dà chuid, agus cha bhi iad gam chumail na mo dhùisg, tha iad tòrr nas glice na sin. Ach, tha mi gu math dèidheil orra agus bhithinn gu math leisg mu dheidhinn gearain a dhèanamh mun deidhinn, ach iongantach an rud, chan eil thu cho dèidheil air ceit no còin chàich ‘s a tha thu air an fheadhainn agad fhèin!

John Joe: Uill, feumaidh mi ràdh, ’s beag orms’ an dà chuid. Tha mi allergic ri fear aca, agus fear eile, o chan eil mi ro kheen sam bith air. Ach fhios agad, bu mhath leam, ach fhios agad nuair a bhios tu ag èisteachd ri cù a’ comhartaich fad na h-oidhche, bidh e gad chur dheth tha mi a’ smaointinn. Mar a bha mise an siud a-raoir, agus an cù a bha siud agus a’ comhartaich is a’ comhartaich is a’ comhartaich. Is chunnaic mi dà uair sa mhadainn is chunnaic mi trì uair sa mhadainn, agus dè ’s urrainn daoine a dhèanamh. Tha mi a’ smaointinn gur e sin an taobh eile.

Cathy: Agus an d’ rinn thu gearain? An robh dòigh ann a b’ urrainn dhut gearan a dhèanamh?

John Joe: Chan eil sgot agamsa. Chan eil fhios agamsa ciamar a bhios mi a’ gearain, ach gheibh mi a-mach. Tha mi a’ dol a dh’fhònadh chun a’ chomhairle dha-rìribh.

Cathy: Ach tha mi a’ creidsinn cuideachd ma mhothaich thu riamh, ma tha gràin agad air cait, ma bheir iad sreathartaich ort neo càil mar sin, tha iad dìreach a’ tighinn thugad às do dhèidh mar gum biodh iad a’ feuchainn dìreach a bhith ga do phiobrachadh. An do mhothaich thu sin?

John Joe: Mhothaich. Agus chan e siud an rud as miosa dhomhsa, ’s e am mess a bhios iad a’ fàgail. Fhios agad, is tha mi a’ ciallachadh le sin ’s e, fhios agad, gruag air feadh an àite. ’S beag ormsa sin, agus...

Cathy: ...na gaoisneinean a bhios iad a’ fàgail às an dèidh.

John Joe: ’S e. Agus dh’fheumadh tu a bhith a’ dol mun cuairt an taigh leis a’ hoover a h-uile uair an uaireadair so leis an sin sad a-mach iad, sad a-mach iad a bhios mise ag ràdh!