Main content

Tar-sgrìobhadh: Ainm Eile: Neilina

Angela MacKinnon: Bho ‘M’ a-nist’ gu ‘N’, agus sgrìob a dh’Èirisgeigh far an robhar a’ dèanamh deagh fheum do dh’Ena agus Ina cuideachd.
Neilina: Neilina, fhuair mise m’ ainm o m’ sheanair agus o m’ sheanmhair. Bha mo sheanair, ’s e Neil a bh’ air, agus mo sheanmhair, ’s e Alecina a bh’ oirre. Cha robh e a’ còrdadh uabhasach math rium nuair a bha mi òg gun teagamh, ach ’s e Neillie a bhiodh iad ag èigheachd dhomh, cha robh mi uabhasach titheach air Neilina. Ach, ’s fheàrr leam Neilina a-niste seach Neillie.
Angela: Inns’ dhomh a-nist’, ciamar a tha sibh a’ litreachadh an t-ainm agaibh?
Neilina: ’S e N-E-I-L-I-N-A a tha mi fhìn ga litreachadh, ach fhuair mi am birth certificate agam nuair a, mun do phòs mi, agus nuair a thug mi sùil air a sin, ’s e N-E-L-L-I-N-A a tha sgrìobhte air, ach tha mi still a’ dol a chumail ris an rud a bh’ agam fhìn.
Angela: An robh an t-ainm agaibh na dhuilgheadas do dhaoine sam bith eile, ’s dòcha daoine nach robh eòlach air a bhith a’ cluinntinn an t-ainm sin?
Neilina: Bha, gu h-araid nuair a bha mi air falbh an Glaschu, nuair a bha mi ag obair an Glaschu. Bha mi ag obair ann an àite far an robh tòrr oileanaich, agus bha iadsan a’ faighinn doirbh m’ ainm, faighinn timcheall air. Agus tè a bha ag obair còmhla rium à Èirisgeigh, rinn i mach gun canadh i gur e Linda a bh’ orm. So ’s e Linda a bha orm fad bliadhna ann an Glaschu, agus nuair a thachras i orm fhathast, ’s e Linda a bheir i orm fhathast.
Angela: Cha do smaoinich sibh air an t-ainm agaibh atharrachadh gu Linda ma-thà?
Neilina: Oh cha do smaoinich. ’S fheàrr leam Neilina seach Linda.