Tar-sgrìobhadh: Murchadh Peutan
Murchadh Peutan: DNA, ’s e stuth uabhasach, uabhasach cudromach a tha seo. Saoilidh mise gur e stuth bunaiteach a th’ ann airson rudan a tha beò. Agus, fhios agad, ged a tha, ged a ’s e molecule uabhasach toinnte a th’ ann agus doirbh is mòr, chan eil ach beagan eileamaidean ann. Carbon, hydrogen, oxygen, nitrogen agus phosphorous. Ach, tha DNA anns a h-uile rud a tha beò oir ’s e tha a’ toirt dhuinn an comas copy a dhèanamh dhuinn fhìn. Tha, sin a tha a’ dèanamh an eadar-dhealachadh eadar rudan a tha beò is rudan nach eil beò. Tha rudan a tha beò comasach air copy a dhèanamh dhaibh fhèin.
Coinneach MacÌomhair: Na genes againn ma-thà a-rithist air an dèanamh suas le DNA?
Murchadh Peutan: Tha gu dearbha. Agus na genes, na ginean, ’s e sin a tha a’ toirt dhuinn ar coltas agus ’s e sin a tha a’ dèanamh cinnteach gu bheil ar bodhaig ag obrachadh mar a bu chòir dha. Agus ’s e seo a tha a’ dèanamh a h-uile duine againn eadar-dhealaichte oir tha sinn a’ faighinn dàrna leth na ginean againn is dàrna leth an DNA againn bho gach pàrant, agus mar sin, ged is ’s e copy a th’ unnainne dhe ar pàrantan, tha sinn eadar-dhealaichte. Agus, ’s e smuain a th’ ann gu bheil DNA, ged a tha a’ mhòr-chuid dhen DNA agamsa agus agadsa is aig a h-uile duine eile co-ionann anns a h-uile dòigh, chan eil ach 0.1% dheth eadar-dhealaichte. Ach, tha an t-eadar-dhealachadh a tha seo cho cudromach, tha e a’ toirt dhuinn an comas a bhith eadar-dhealaichte agus fa-leth.
Coinneach MacÌomhair: ’S e smuain a tha sin nach eil ach puing a h-aon percent eadar-dhealachadh eadar mise agus tusa.
Murchadh Peutan: Sin agad e. Agus gu bheil sin a’ toirt do mhac-an-duine an comas, a bheil fhios agad, cha do sheas duine riamh air an talamh a tha seo a bha co-ionann agus coltach riutsa neo riumsa anns a h-uile dòigh, agus g’ e bith dè cho fad ’s a mhaireas an t-saoghal, cha sheas gu bràth tuilleadh, duine air uachdar na talmhainn a tha dìreach co-ionann agus coltach rinne anns a h-uile dòigh.