Main content

Tar-sgrìobhadh: Smuain Na Maidne

Iain: Chan eil teagamh sam bith ann gu bheil teicneòlas na rud feumail nar beatha ach air an làimh eile chan eil teagamh ann gur e rud cunnartach a th’ ann nuair a tha e gar toirt air falbh bho na rudan as cudromaiche nar beatha. Gu h-àraidh na ceanglaichean teaghlaich is càirdeasan a tha gar dèanamh nar daoine sa chiad dol-a-mach.

Tha sgeulachdan gu leòr agam fhìn agus agaibh fhèin ‘s cinnteach, mar eisimpleir nuair a chunnaic mi teaghlach a-muigh airson dinnear aon oidhche ach rinn iad barrachd bruidhinn ris an neach-frithealaidh na rinn iad ri chèile air sgàth ‘s gun robh iad uile air am fònaichean-làimhe fad na h-oidhche. No caraid a tha air a’ fòn fad an t-siubhail a’ postadh dhealbhan air Instagram no a’ faicinn cia mheud 'like' a tha aige no aice air Facebook. Neo-ar-thaing gu bheil caraidean fìor nan cuideachd.

Ach, bha mi a’ bruidhinn ri cuideigin òg nam àite obrach bho chionn ghoirid agus thug sin beagan dòchais dhomh a-rithist. Thuirt an neach seo nach eil iad an urra ris am fòn-laimhe fad an t-siubhail no a’ leigeil leis na meadhanan-sòisealta innse dhaibh mar a bu chòir dhaibh smaoineachadh no a bhith a’ cuir seachad am beatha. Sin thu fhèin smaoinich mi, tha thu ceart. Ach, chan eil fhiosam am bithinn fhìn cho làidir.