Tar-sgrìobhadh: Cho Luath ’s a Ghabhas
Iain: Ceist a h-aon. Cuir ceud agus seasgad ri dà cheud is ceathrad. Cuir ceud agus seasgad ri dà cheud is ceathrad.
Cèist a dhà. Roinn seachdad ’s a sia puing trì le deich. Roinn seachdad ’s a sia puing trì le deich.
Ceist a trì. Bha am bàta-aiseag còir seòladh aig deich mionaidean gu deich, ach bha i leth-uair a thìde air dheireadh. Cuin a sheòl i?
Catriona Lexy: Na freagairtean a-nis! A’ chiad cheist a-rithist a Phòl?
Iain: Cuir ceud agus seasgad ri dà cheud is ceathrad.
Catriona Lexy: Cuir ceud ri dà cheud an toiseach, sin trì cheud. Seasgad is ceathrad a’ dèanamh ceud eile. Ceithir cheud gu lèir. Ceithir cheud!
Iain: Ceist a dhà. Roinn seachdad ’s a sia puing trì le deich.
Catriona Lexy: Cuimhnich am puing a ghluasad aon àite chun an taobh chlì nuair a tha thu roinn le deich. Am freagairt? Seachd puing sia trì.
Iain: Ceist a trì. Bha am bàta-aiseag còir seòladh aig deich mionaidean gu deich, ach bha i leth-uair a thìde air dheireadh. Cuin a sheòl i?
Catriona Lexy: Sheòl i aig fichead mionaid às dèidh deich. Fichead mionaid às dèidh deich. ’S math gun do sheòl i an uair sin fhèin!
Iain: Sin na freagairtean! Ciamar a chaidh dhut?
Faclan Feumail
cuir ri – add
lùghdaich – subtract
thoir air falbh – subtract
dealaich – divide
pàirtich – divide
roinn – divide
equals – dèanamh
ionnan – equal
meudaich - multiply / increase
àireamhaich – calculate
dèan coimeas – compare
tuairmse - estimate/guess
nas motha – bigger
as motha – biggest
nas lugha - smaller/ less
nas lugha na - smaller than
as lugha - smallest/ least
tomhais – measure
àireamh chothromach - even number
àireamh chòrr - odd number