Main content

Tar-sgrìobhadh: Frances: Ceum air Cheum

Angela NicFhionghain a’ bruidhinn air Frances: Ceum air Cheum

Na briathran aig Rachel Platten bhon an òran aice the Fight Song, òran agus briathran a tha air a bhith na bhrosnachadh do Frances O' Connell às a Ghearasdan agus i a’ strì ris an tinneas MS. Ann an 2016 rinn Frances co-dhùnadh cudromach na beatha, b’ e sin a dhol gu ruige Mexico airson leigheas sònraichte a bha air a bhith soirbheachail do chuid a bha a' fulang leis an tinneas MS. Cha robh an dòigh leighis seo - far am biodh iad a’ cur bun-chealla fala na bodhaig no HSCT stem cell transplantation - gun chosgais is iomagain, ach bha Frances cinnteach gur e sin an t-slighe a bha ise airson a ghabhail. Bha i làn dòchais gun cuidicheadh seo i faighinn air a casan ceart a-rithist airson ùine phrìseil a chur seachad le cuid oghaichean, fiù ’s dìreach an toirt cuairt dhan phàirce.

Tha sinne air a bhith a' leantainn Frances bhon a rinn i an co-dhùnadh ann an 2016 gun robh i a' dol gu Mexico airson an leigheas seo fhaighinn... an iomagain a bh’ oirre, ach aig an aon àm a’ mhisneachd agus an creideas a bh’ aice fhèin ann a bhith a' gabhail a’ cheum mhòr seo na beatha.