Tar-sgrìobhadh: Eileanaich: Ìlich
Guthan: Iain Mac'IlleMhìcheil
Fraoch Nic an Deòrsa
Anna NicGill
Seumas MacPhàrlain
Ann an 2011, bha 91Èȱ¬ Radio nan Gàidheal a’ comharrachadh Bliadhna nan Eilean ann an diofar dhòighean. Chaidh sreath de phrògraman le muinntir nan eilean eadar-dhealaichte a dhèanamh anns an robh iad ag ìnnse dhuinn mu na h-eileanan san deach an togail. Anns a’ phrògram seo mu Ìle, tha Iain Mac'IlleMhìcheil a’ stiùireadh a chòmhraidh le triùir Ìlich eile, is iad a’ bruidhinn mun dòigh-labhairt a th’ aca.
Iain: Ann an Ìle, chan eil sinn a’ bruidhinn air là. Tha sinn a’ bruidhinn air là (le fuaim ‘d’ an toiseach). Ann am Port na h-Abhainne, ’s e là (le D fiù ’s nas làidire) a th’ aca air a sin. Tha na Ds aca nas cruaidhe na tha na Ds againne, tha eadar-dhealachadh ann tha mi a’ smaoineachadh.
Fraoch: Ach an rud, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil mòran daoine nach eil às Ìle, faodainn doirbh tioram air an dòigh a tha sinn a’ bruidhinn. Nuair a tha sinne a’ cur an D sin ann roimh mòran rudan le L, fhios agad, coltach ri luchag, tha sinne ag ràdh luchag (le fuaim ‘d’ an toiseach).
Iain: Aye, ’s e seann rud a tha sin.
Fraoch: Laghach, is tha sinne ag ràdh laghach (le fuaim ‘d’ an toiseach) agus rudan mar sin.
Seumas: Làraichean (le fuaim ‘d’ an toiseach) is làraichean.
Fraoch: Làraichean, ’s e.
Iain: Lag (le fuaim ‘d’ an toiseach) an àite lag.
Fraoch: Lag, ’s e.
Iain: Agus cho Èireannach ’s a tha sinn, chan abair sinne abhainn. ’S e obhainn, am facal Èireannach.
Seumas: ’S e.
Fraoch: Agus madainn mhath (pronounced medeinn mheth), agus chaidh mise suas do Sabhal Mòr Ostaig tro, bha mi a’ feuchainn ri Gàidhlig a dh’ionnsachadh agus a sgrìobhadh. Choisich mi a-staigh don chiad chlas anns a’ chiad mhadainn (pronounced mhedeinn), is bha an duine a bha a’ dol a bhith a’ teagasg, uill, shaoil ’am gun d’ thuirt e madainn mhath (pronounced medeinn mheth). Agus thuirt mi madainn mhath (pronounced medeinn mheth). Is ghàirich e orm is thuirt e madainn mhath, madainn mhath (pronounced medeinn mheth). Nach e sin dè tha na caoraich ag ràdh? Uill, theab mi a’ bhàs a thoirt dha... bha mi craicte leis ..! (a’ gaireachdainn)
Iain: Mun chluais!
Fraoch: Cha robh mi fiadhaich...cha d’ fhuair mi sin fìor comical.(a’ gaireachdainn)
Iain: Ach, an dòigh anns a bheil sinn a’ toirt buidheachas seachad a-nis. Bha thu fhèin a’ bruidhinn air a sin Jim triop no dhà.
Seumas: Tha sin ceart.
Iain: Tha beachd agads’ agus chan eil mi ag ràdh nach eil thu ceart.
Seumas: Uill, bhiodh sinne, bha sinn a’ toirt buidheachas tha sins…..comharra math dhut (pronounced meth). Comharra math agaibh (pronounced meth).
Iain: Aye, ’s e comharra math (meth).
Seumas: ’S e, ’s e comharra math (meth) a theireadh... a theireadh sinne daonnan agus cha chluinn sibh sin an àite sam bith tha mi a’ smaoinntinn.
Iain: Ann an Èirinn, ’s e gura math agad a bhios iad ag ràdh ach bidh iad a’ smaoinntinn gur .. an Ìle gu bheil sinne ag ràdh gura meth agad, ach chan eil sinn ag ràdh…..
Fraoch: Chan e, ’s e comharra math (meth)
Iain: Tha sinn ag ràdh comharra math (meth)
Seumas: ’S e comharra a th’ ann.
Iain: Agus, ’s e good omen.
Seumas agus Fraoch: ’S e.