Tar-sgrìobhadh: Eileanan Beaga: Lios Mòr
Eàirdsidh MacColla agus Donnchadh MacDhunleibhe ann an còmhradh ri Cailean MacIlleathain agus Aonghas Phàdraig Caimbeul
Eàirdsidh: Bha seo, bha e ainmeil airson togail bhàtaichean anns a’ chriomain ’s e tha seo. Agus bha uamh air an taobh eile de Lios Mòr, bha iad a’ togail bhàtaichean an sin cuideachd. Ged a bha an uamh, fhios agad, an àird bràigh a’ chladaich, bha iad a’ togail nam bàtaichean san uamh, agus bha iad an sin gan cur a-mach air a’ mhuir.
Cailean: Agus an robh teaghlaichean sònraichte co-cheangailte ris an obair sin?
Eàirdsidh: Bha, na Conallaich, bha iadsan ainmeil airson togail bhàtaichean, agus Clann Chaluim, bha iadsan cuideachd ainmeil airson togail bhàtaichean. Bha na Conallaich is Clann Chaluim, bha iad a’ fuireach dìreach mu leth-mhìle bho seo.
Cailean: Agus rud eile a bha ainmeil mu Lios Mòr, ’s e obair an aoil. An inns’ thu dhuinn beagan mun sin Eàirdsidh?
Eàirdsidh: Uill tha, ’s e Lios Mòr, ’s e clach aoil a th’ ann air fad. Leis a sin, bha iad a’ losgadh an aoil anns na h-àthachan, agus bha iad ga chur suas, nuair a bha iad ag obair air a’ chanàl suas, an Caledonian Canal, ’s e aoil Lios Mòr a bha iad ga ùisneachadh airson, fhios agad, ga ùisneachadh na cement. Agus bha iad ga ùisneachadh airson togail taighean cuideachd, agus air an fhearann. Bha iad ga sgaoileadh air an fhearann airson math a’ ghrunnd cuideachd.
Cailean: Agus cuin a sguir an obair sin?
Eàirdsidh: Sguir an obair sin ann an 1932, an àth-aoil mu dheireadh. Bha m’ athair, bha e ag obair anns an àth-aoil sin. Bhiodh e a’ cairtearachd aoil a-mach às an t- Sailean san àm sin.
Cailean: Agus ’s e àthchannan a chanadh sibhse ri àthannan.
Eàirdsidh: Na h-àthachan aoil!
Cailean: Na h-àthachan.
Eàirdsidh: Aye.
Cailean: Na h-àthachan. Agus, an robh na h-àthachan mar a chanas sibh pèin an seo ann an Lios Mòr, an robh iad pailt? An robh mòran dhiubh ann ann an Lios Mòr?
Eàirdsidh: Bha. Bha naoi, uill, dad ort, bha naoi....naoi, deich, bha deich ann an Lios Mòr cho fad ’s as fhiosraich mi, agus bha....an robh trì air Eilean nan Caorach?
Donnchadh: Tha trì air Eilean nan Caorach.
Eàirdsidh: A bheil?
Donnchadh: Tha, cha chreid mi nach eil. Tha trì air Eilean nan Caorach. Tha sin an t-eilean dìreach, far an tig sibh far an aiseig. An t-eilean beag a tha dìreach taobh tuath do Lios Mòr. Bha trì àthachan an sin. Bha cuaraidh is trì àthachan an sin.
Cailean : Agus an robh mòran a’ faighinn obair chunbhalach an sin?
Donnchadh: Oh bha. Uill, bha an fheadhainn a bha ag obair leis a’ chuaraidh, agus bha an fheadhainn eile a bha a’ bristeadh a’ chlach, agus bha an fheadhainn eile a’ cairteachd a’ chlach chun an àtha, bha an fheadhainn a bha a’ cumail an àtha air theas. Bha an fheadhainn eile a bha a’ toirt an aoil a-mach às an àtha. Agus bha an fheadhainn eile a bha a’ luchdachadh nam bàtaichean a bha aig a’ chidhe. Bha dòrlach math dhaoine ag obair.
Aonghas Phàdraig: Tha Gàidhlig agaibh ann an Lios Mòr nach eil aig duine sam bith eile san t-saoghal idir idir.
Eàirdsidh: Nach math sin fhèin!
Aonghas Phàdraig: Nach math sin fhèin! Is d’ fhiach sin air a son sin fhèin!
Donnchadh: Gàidhlig math Argyll!
Aonghas Phàdraig: Gu dearbh!
Donnchadh: Chan eil mi “keen” air Gàidhlig an Eilein Sgitheanaich......