Tar-sgrìobhadh: Feasgar
Kirsty NicDhùghaill a’ bruidhinn ri Cathy NicDhòmhnaill mu aon de na rudan a dh’atharraicheadh i san t-saoghal nan robh e comasach dhi.
Ciorstaidh: ’S dòcha gun tòisichinn le blàthachadh na cruinne – a dh’fhaighinn cuidhteas dheth sin, oir tha mi dìreach ga fhaighinn gu math duilich... na rudan uamhasach a tha tachairt ann am Bangladesh is Sudan le blàthachadh na cruinne, air sgàth ’s gu bheil uidhir de dh’uisge ann, tha na daoine a’ fulang gu mòr ’s chan eil na rudan aca a’ fàs, is tha iad a’ fàs nas bochda.
Tha e dìreach ceàrr airson an ath ghinealach, tha mi smaoineachadh, agus bhithinn airson cuidhteas fhaighinn dheth sin oir tha mi smaoineachadh gu bheil an ginealach againn, nach eil sinn cho mothachail sin air is tha e dìreach ceàrr airson tha sinn a’ dèanamh cron is milleadh air an àrainneachd againn agus bhithinn airson cuidhteas fhaighinn dheth sin airson an ath ghinealach.
Cathy: Cuin a thòisich thu a’ gabhail suim ann an leithid a’ chuspair? An robh e riamh air d’ aire no an ann anns an sgoil – agus an robh sibh a’ faighinn tòrr cothrom bruidhinn mu dheidhinn?
Ciorstaidh: Cha robh really – chanainn gun do thòisich e barrachd, dìreach nuair a dh’fhàs mi nas sine. Dh’ionnsaich sinn tòrr anns an sgoil ach chan eil mi smaoineachach gun do thuig mi cho cudromach ’s a tha e.