Tar-sgrìobhadh: An LÃ
Eilidh: Tha Blythswood an sàs ann a bhith a’ ruith bancaichean-bìdh ’s tha obair mhòr romhpa gach bliadhna biadh a chumail ri daoine, an dà chuid, teaghlaichean agus daoine nan aonar.
Tha an t-uamhas stuth anns na bucais a tha seo, pasta, brot is eile agus ged a shaoilear gu bheil an t-uamhas an seo, nuair a thèid e a-mach gu na seachd ionadan air feadh na Gàidhealtachd cha bhith seo a’ maireachdainn ach airson seachdain.
Anns gach bucas a thèid a thoirt seachad tha biadh a chumas daoine bhon a bhidh acrach fad trì latha. Tha Blythswood ag obair còmhla ri neach a bhios a’ toirt còmhairle dhaibh a thaobh na bu chòir a bhith anns gach bucas a thaobh slàinte.
Murchadh: Tha sinn ag iarraidh tinned food man spam agus rudan mar sin agus pasta agus rice, rudan mar sin.
Eilidh: Mar a shaoilear tha an t-uamhas ri dhèanamh airson uiread de bhiadh a chruinneachadh agus a sgaoileadh.