Tar-sgrìobhadh: Là ithean Geala 14
“Èirich is Cuir Umad”
“Am fear a bhitheas fada gun èirigh, bidh e na leum fad an latha”, arsa màthair Nèill, agus i a’ toirt crathadh math air a ghualainn aig cairteal gu deich madainn Disathairne; “a bheil guth agad idir air èirigh, a chaomhain? Fhuair thu cupa airson ruith is leum, is tu a fhuair, ach cha tig an latha a gheibh thu fear airson a bhith ag èirigh tràth anns a’ mhadainn. Siud thu, ma-tà, a luaidh, is gun tèid sinn greiseag don mhonaidh. Cha bu tu Calum Bàn, is fhada bho bha e fhèin is athair air cùl na beinne. Sin agad gille sunndach, èasgaidh.”
Is ann a chuireadh e iongnadh ort nam faiceadh tu cho luath ’s a leum Niall sìos an staidhre a’ mhadainn ud. “Nach mi tha às mo rian ", ars esan ris fhèin, “a’ cosg nan làithean buidhe anns an leabaidh, agus na tha agam ri dhèanamh - iasgach is snàmh is cluich, beanntan ri dhìreadh, sgothan ri sheòladh, caoraich ri chruinneachadh, coineanaich ri ghlacadh is bodaich ri spòrs fhaighinn orra. Cha bhi an ùine ach goirid gu leòr ged nach bithinn a’ cadal idir.”
Chan fhaigh muinntir Sheumais air Calum a chumail anns an leabaidh ged bu bhuidhe leotha e. Tha esan ag èirigh tràth co-dhiù, ach gu seachd àraidh an latha nach bi sgoil ann. Chan e sin do Mhàiri e - chaidleadh ise gu meadhan-latha nam faigheadh i cothrom, agus chan eil teagamh nach dèanadh i sin cuideachd, mura b’ e an t-eagal gun tòisich Calum air tarraing aiste airson i bhith cho anmoch ag èirigh.
Chan iarr Calum fhèin ach a bhith ri caran air choireigin, agus bha e air a làn dòigh an uair a chuala e gur ann Disathairne a bha dùil aig athair na caoraich-uan a rùsgadh. Bha iad a-mach le chèile aig cairteal gu ochd, agus deamhais an t-aon aca nan dòrn agus “Dìleas”, an cù dubh, air an sàil.
“A bheil thu air èirigh, a Mhàiri?” arsa Calum, an uair a thàinig e fhèin is athair dhachaidh gu an dìnneir air chùl dà uair dheug, “nach tu rinn a’ mhocheirigh an-diugh!”
“Cha do chuir mise dragh oirre gus an robh e leth-uair an dèidh naoi”, fhreagair a mhàthair, “bha i cho sgìth, an truaghag.”
“Tha diofar mòr, a mhàthair, eadar sgìos is leisg”, arsa Calum.
Cha tuirt Màiri bhochd diog, ach mo làmh-sa gu faigh i cothrom air fhathast. Is math gu bheil i a’ tuigsinn nach eil a bràthair ach ri fealla-dhà, ged a tha e ladarna!
A. Tha fhios nach cùm an cadal thu fhèin gun na ceistean seo a fhreagairt gu h-èasgaidh.
l. Cò dhùisg Niall anns a’ mhadainn Disathairne?
2. Dè an uair aig an deach a dhùsgadh?
3. Cuin a chaidh thu fhèin a dhùsgadh an-diugh?
4. Carson a bha Niall cho luath a’ cromadh na staidhre?
5. Dè bha dùil aige a dhèanamh fhad ’s a bhitheadh an sgoil dùinte?
6. Dè bha a mhàthair ag iarraidh air a dhèanamh?
7. Dè tha dùil agadsa a dhèanamh fhad ’s a bhitheas an sgoil dùinte as t-samhradh?
8. Cuin a bhitheas Calum ag èirigh?
9. Carson a bhitheas Màiri ag èirigh rudeigin tràth?
10. Cuin a dh’èireadh i mur b’ e seo?
11. Càit an deach Calum agus athair madainn Disathairne?
12. Dè thug orra a dhol ann?
13. Cuin a chaidh iad ann?
14. Dè thug iad leotha?
15. Cò chaidh còmhla riutha?
16. Cuin a thàinig iad dhachaidh gu an dìnneir?
17. Cuin a dh’èirich Màiri?
18. Dè an t-ainm a tha air cù Chaluim?
19. Dè an t-ainm a tha air a’ chù agaibh fhèin?
20. Dè bhitheas na coin ag ithe?
B. Ma chanas mise geal, canaidh tusa dubh! Dè nis na facail a chuireadh tu anns na sreathan seo?
1. Tha an t-uisge glan, ach tha am poll ....
2. Is ann caol a tha an cù, ach tha an laogh ruadh ....
3. Is e aodach tana a tha ann an sìoda, ach is e aodach .... a tha ann an clò.
4. Tha a sheanair beò fhathast, ach tha a sheanmhair ....
5. Is e rud milis a tha ann an siùcair, ach is e fìor bhlas .... a tha air beàrnan-brìde.
6. Tha e duilich beinn a dhìreadh, ach is e rud .... a tha ann cnoc a dhìreadh.
7. Is toigh leam rud ...., ach is .... orm rud grànda.
8. Tha an sgian agadsa geur, ach cha gheàrr mise mòran leis an tè agam fhìn - tha i cho ....
9. Is ann gu math fliuch a bha i an-dè, ach tha sinn an dòchas gum bi i .... a-màireach.
10. Is ann cumhang a tha an loch, ach tha an cuan ....
C. Càit am faiceadh tu iad seo?
1. màl
2. innean
3. àrd-doras
4. seotal
5. sparran
6. iris
7. tobhta
8. barrall
9. cearcall
10. teadhair