Main content

Tar-sgrìobhadh: Cuimhneachan

Shona NicCharmaig

Shona: Mar a thuirt mi cheana, cha tèid againn air dìochuimhneachadh a’ bhuaidh a bh’ aig cogadh air na boireannaich agus mar a dh’fhuiling iadsan ri linn.

Fhuair Peigi NicÌomhair à Borgh, Leòdhas, buille chruaidh nuair a chaidh an duine aice, Iain, a chall air HMS Main anns an Dàmhair naoi ceud deug agus a seachd-deug. Chuir i cumha pongail ri chèile far an do dh’ainmich i mar a chuir i seachad geamhradh air leth doirbh an dèidh dhi an duin’ aice a chall, gun iad ach glè bheag de dh’ùine fhaighinn pòsta, mus deach e a shabaid.

Ged a tha sinn air tòrr de na rudan a dh’ainmich i a chluinntinn ann an iomadach cumha roimhe – cho measail ’s a bha daoine air an fhear a chaochail agus mar a chaidh a gruag a liathadh – tha guth pearsanta, brònach a’ tighinn troimhe, agus mar a bha aig iomadh banntrach eile, tha e furasta chreidsinn gun robh geamhradh air leth dorcha aice an dèidh dhi an duin’ aice a chall san Dàmhair.