Tar-sgrìobhadh: Feasgar: Eòghann Stiùbhart
Eòghann: Bha sinn fada nas fhortanaiche a thaobh an t-sìde na bha na Tirisdich!
Cathy: Bha gu dearbh.
Eòghann: Bha, bha sin dìreach uabhasach. Tha mi a’ smaointinn gun robh an latha far an robh am Fèis aca bha e sònraichte math, chunnaic mi gun robh a’ ghrian a’ deàrrsadh anns na dealbhan a chunnaic mi, agus tha fios a’m gum bi na Tirisdich a’ cumail fìor dheagh chuirm shìos ann a shin, is mòr am beud nach b’ urrainn dhomh a dhol dhan an dà chuid.
Ach Dihaoine sa chaidh, bha mise a’ ruith campa tron t-seachdain airson na h-òigridh, agus bha mi a’ faighinn na teachdaireachdan Diciadain bho na màthraichean ag ràdh, “Dè fon ghrèin a tha a’ dol a thachairt Dihaoine?” Tha sinn a’ faighinn rabhadh sìde a tha eagallach”.
Is an uair sin, dhùisg mi madainn Dihaoine, is bha dìreach a’ ghrian a’ deàrrsadh, is bha e dìreach cho àlainn. ’S e latha cho àlainn a fhuair sinn o chionn sia mìosan! Bha e, bha e dìreach iongantach. Bha sin èibhinn mar a sheachnaich Leòdhas an cuid as miosa den t-sìde, agus bha deagh Fhèis ann, agus tha e an-còmhnaidh math. Tha Steòrnabhagh dìreach air bhoil, is tha e a’ còrdadh rium.
Cathy: Bha e iongantach gun d’ fhuair sinn às leis, chan ann tric a bhios sin a’ tachairt tha eagal orm. Ach, gu dearbh, chòrd e ri daoine, agus tha e a’ sealltainn cuideachd spiorad nàbachd nuair a tha daoine a’ tighinn còmhla bhon bha iad air àite fhosgladh dhan an fheadhainn a bhiodh a’ siubhal chun na Fèise nach b’ urrainn teantaichean a chur an àirde. Bha an spiorad sin snog cuideachd ann an Tiriodh, nach robh?
Eòghann: Glè mhath. Bha sin, bha sin dìreach iongantach a bhith a’ faicinn daoine a’ fosgladh nan dorsan aca, agus tha fios agad fhèin ma tha thu air coinneachadh ri duine sam bith à Tiriodh, ’s e daoine cho fialaidh ’s a ghabhas air a’ Ghaidhealtachd. Agus ’s e àite gu math Gàidhealach a th’ ann an Tiriodh, fhios agad? Tha daoine a’ dìochuimhneachadh gu bheil an cuibhreann de daoine anns an eilean seo aig a bheil Gàidhlig. Fhios agad, tha e cho àrd ri àite sam bith taobh a-muigh na h-Eileanan Siar, so tha cultar Gàidhealach is fialaidh ceart acasan, agus tha aoigheachd a bha daoine a’ faighinn dìreach sònraichte, agus tha e math fhèin, is tha mi an dòchas gum faigh mi an cothrom a dhol ann aon bhliadhna nuair nach eil e air an aon deireadh-sheachdain ri Hebcelt.
Cathy: Cha chreid mi nach eil thu dìreach air sin fhaighinn leis na thubhairt thu! Tha mi cinnteach gum bi iad a’ fònadh thugadsa ag ràdh, “Thig a-nall! Thig a-nall! Dìreach cha leig thu leas a dhol gu càil!” Sin an rud a thachras thèid mi an urras.