Tar-sgrìobhadh: Spòrs na Seachdain
Iain: Uill, tha iad ro fhadalach dad a dhèanamh mu dheidhinn a’ ghèam ud gu sònraichte, tha sin gu math soilleir. Ùisdean MacIllFhinnein, fhuair mise beachd bhuaithesan air dè cho fada ’s a chaidh Dùn Èideann ceàrr anns a’ ghèam seo.
Uisdean: Bha an gèam aca, agus bha dùil againn gun robh Dùn Èideann air seo a chrathadh a-mach às an siostam aca, agus gun robh iad air loidhne a chur air na geamaichean aca. Bha iad air ochd geamaichean a chluich gun call, agus thàing Ulaidh ann a sheo, agus iad dìreach a’ creimeadh suas an lìog, agus bha sinn a’ smaoineachadh dìreach gun robh Dùn Èideann ann an suidheachadh far an gabhadh iad an cothrom. Nist’, chan fhaigh iad cothrom nas fheàrr gèam mar seo a bhuinnig. Anns na sia mionaidean mu dheireadh, bha cairt dhearg aig Ulaidh, agus bha cairt bhuidhe aca. Bha iad mar sin sìos gu trì duine deug, agus bha làn chothrom aig Dùn Èideann na trì puingean a bha dhìth orra is beagan a bharrachd fhaighinn airson an gèam seo a bhuinnig agus...
Iain: Is dè chaidh ceàrr?
Uisdean: Chaith iad air falbh e. Agus sin cnag na cùise, ’s ann ann a bhith a’ cath a’ bhuill a-steach a rinn iad am milleadh as motha. Bha trì cothroman aca, còig metres a-mach bho loidhne Ulaidh anns na mionaidean mu dheireadh, agus chuir James Hilterbrand, am fear a bha a’ cur a-staigh a’ bhuill, chuir e a-staigh cam e, is thill sin am ball gu Ulaidh trì tursan. Agus an aon mhearachd eile a bu mhotha a bh’ ann, ’s e gun do chaill Tom Heathcote sia cothroman air na puist a bha còir aige a ghabhail. Bha co-dhiù ceithir a-mach às na sia cho sìmplidh ’s a dh’iarradh tu, is chuir e seachad air na puist iad, taobh a-muigh na puist, agus mar sin, bha uidhir a chothroman aca. Bha Alan Solomons an coidse, ’s gann gum b’ urrainn dha bruidhinn aig deireadh a’ ghèam le cho mar a bha e .....
Iain: Air chaoch.
Uisdean: Bha e dìreach air chaoch, is cha robh e a’ tuigsinn ciamar a’ bhlowaig iad e.