Tar-sgrìobhadh: Tìm
An t-Urramach Ruairidh MacLeòid
Dòmhnall Iain Dòmhnallach: An-diugh, tha sinn air ar cuairteachadh leis an uair. Air cùl ar dùirn, air fònaichean-làimhe, air clocaichean baile, aig stèisean treàna, neo aig eaglais neo eile. Ach, cò ris a bhiodh e coltach a bhith an àite is gun ionnsramaid agad a dh’innseadh an uair dhut? Innsidh an t-Urramach Ruairidh MacLeòid an sgeul fhèin.
Ruairidh: Tha e iongantach mar a tha sinn a’ crochadh air an uair airson ar n-obair. Tha cuimhn' a’m turas, bha mi fhèin is dithis eile a’ fuireach còmhla ann an Dùn Èideann nuair a bha mi nam oileanach, agus chaidh mise sìos làthaichean na bu tràithe, agus cha robh rèidio agam is cha robh uaireadair agam.
Agus a’ chiad mhadainn, bha mi airson a dhol a-steach dhan leabharlann. Agus sgioblaich mi is chaidh mi air a’ bhus. Chunnaic mi clann-sgoile air a’ bhus, is bha mi ag ràdh, “Uill, feumaidh gu bheil an uair seo ceart.”
Ràinig mi an cloc mòr aig stèisean Haymarket. Bha e cairteal gu naoi sa mhadainn, is bha sin glè mhath.
An ath latha, rinn mi an aon rud a-rithist. Bha clann-sgoile air a’ bhus, is bha mi ag ràdh, “Oh uill, dh’amais mi air an uair glè mhath.” Ach nuair a ràinig mi Haymarket, bha e cairteal an dèidh uair. ’S ann a’ dol dhachaigh gu dìnnear a bha iad! Agus tha e a’ sealltainn cho doirbh ’s a tha e mura h-eil uaireadair againn. Tha mi a’ creidsinn gun robh ar sinnsearan a thaobh na grèine is rudan eile, bha iad mòran na bu ghlice na tha sinne an-diugh, ach tha e a’ sealltainn mar a tha sinn a’ crochadh air uaireadairean.