Tar-sgrìobhadh: Deasbad BT ALBA 2013
Guth:Iseabail Bain
Seo criomag bho chuairt dheireannach Deasbad BT ALBA a chaidh a chumail beò aig Pàrlamaid na h-Alba ann an 2013. Tha Iseabail Bain bho Àrd-sgoil Mhic Neacail a’ bruidhinn air a’ chuspair, "Tha cànan ag atharrachadh. Tha litreachadh ag atharrachadh. Gabh ris nach e mearachd a th’ ann tuilleadh".
Iseabail: Tha sinne ann an Sgoil MhicNeacail gu làidir den bheachd gu bheil cànan ag atharrachadh, gu bheil litreachadh ag atharrachadh agus nach e mearachd a th’ ann tuilleadh. Chuala sibh an seanfhacal:
"Chan eil duine gun dà latha ach duine gun latha idir."
Uill, b’ urrainn dhuinn an aon rud a ràdh mu chànanan. Chan eil cànan sam bith nach bi ag atharrachadh ach cànan a tha marbh.
Ciamar a b’ urrainn do chànan a bhuineadh do shaoghal an t-siathamh linn deug neo an ceathramh linn deug a bhith freagarrach airson an latha an-diugh?
Cia mheud duine a thuigeas Shakespeare an-diugh? Gu luaidh air Chaucer? Ach, cha leig sinn a leas a dhol air ais cho fada sin na dhol dhan a’ Bheurla. Èistibh ris an seo:
"Sa bhiolair luidneach, shliòm-chluasach.
Glas, chruinn-cheannach, chaoin ghorm-nealach;
Is i fàs glan, uchd-ard, gilmeineach,
Fuidh barr geal iomlan, sònraichte."
Seo earrann den phìos bàrdachd, "Òran an t-Samhraidh", a sgrìobh Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir anns an ochdamh linn deug. Abair beartas cainnt, ach a bheil sibh ga thuigse? 'S e deamhnaidh beag dheth a tha mi fhìn is Peigi Ann a’ tuigse.
Nach eil seo a’ dearbhadh dhuinn gu bheil cànanan ag atharrachadh is facail a’ dol à bith. A chàirdean, mar a tha tìm a’ gluasad tro na linntean, tha an saoghal ag atharrachadh, tha na daoine ag atharrachadh, tha dòigh-beatha ag atharrachadh. Nach eil e nàdarrach gum bi cànanan ag atharrachadh cuideachd?
Gabh ris nach e mearachd a th’ ann tuilleadh.
Tapadh leibh.