Main content

Tar-sgrìobhadh: Bàird a' Chomuinn

Cha robh mi ach gu math òg an uairsin agus chan eil fhios an robh mi... an do thoill mi an Crùn agus an gùn neo nach do thoill... ach bha mi a’ sgrìobhadh ann an dòigh a bha gu math seann fhasanta. Ach ‘s e an rud a b’ annasaiche a thachair nuair a fhuair mise an Crùn agus an gùn... a chionn ’s nach robh mi uamhasach mòr, bha an gùn, bha e tuilleadh is fada agus bha e caran fortanach, fear a bha ag obair aig a’ Chomunn Ghàidhealach an uairsin gur e tàilleir a bha air a bhith ann nuair a bha e na b’òige agus chaidh esan a thoirt a-steach airson an gùn atharrachadh son gu freagradh e duine beag mar a bha mise agus ‘s e sin an sgeulachd a bu mhotha a bh’ anns na pàipearan.