Main content

Tar-sgrìobhadh: Feasgar

Marion: Tha agus chan eil. Tha mi a’ smaoineachadh mura bheil agad ach dhà no trì rudan, tha thu nas cliobhar a dhol tron a’ self-service. Ach ma tha grunn rudan agad ann am basgaid ’s gun tòisich a h-uile càil a th’ ann a’ dol ceàrr agus tha thu a’ mothachadh an-còmhnaidh, ma tha a h-uile self-service, g’ eil daoine aca, ’s ann nas cliobhair a thèid iad ceàrr agus tha, tha an truaghan bochd sin an uair sin a’ falbh eadar gach machine ach am faic i dè tha ceàrr. Tha, an uair sin, chan eil foighidinn a’ dol agus bidh mise an-còmhnaidh, bidh mise an-còmhnaidh a’ bruidhinn ris a’ mhachine a bha siud, “Dè a-nis a rinn mi ceàrr?” Is bidh a’ supervisor... “Chan eil duine a’ dol a bhruidhinn riut!”

Cathy: Agus, uill, bha mi a’ dol a ràdh chan e droch rud a tha sin gu cìnnteach. ’S iomadh turas a bha mise a’ fàgail rudan air a’ mhachine nach lùiginn a ràdh an-dràsta nas motha! Ach, tha mi a’ mothachadh gu bheil sibh a-mach air biadh. Nise, an e biadh a-mhàin a chanadh tusa a Mharion a cheannaicheadh tu aig aon de na, de na h-àiteachan tha sin?

Marion: Tha mi air, nuair a bha mi anns na bailtean mòra chaidh mi a-steach a dh’iarraidh aodach agus bha mi a ràdh an uair sin, “Cha deànainn gu sìorraidh tuilleadh e”!

Cathy: Carson?

Marion: Tha thu a’ cur a’ barcode far a bheil iad a’ togail a’ bharcode agus, agus thig e an àrd le rud eadar-dhealaichte. Cha tèid an rud troimhe agus tha thu an uair sin, tha cuideigin a’ tighinn ga do chuideachadh ’s tha iad an uair sin a’ coimhead air a’ bharcode agus ’s dòcha gun e, cuideigineach a thug aodach no rudeigin far hanger is gun do chuir e air a rud ceàrr e is...

Cathy: O seadh.

Marion: So, bha mi air a ràdh rium fhèin, uill, cha deàn mi sin tuilleadh.