Tar-sgrìobhadh: Sà r Chlà r
Ailig O'Henley
Ailig: Thug sin air ais mi gu, tha mi cinnteach, àm cudromach nam bheatha. Cha robh mi ach còig bliadhn’ deug aig an àm agus bha mi fhathast gun chlàr a cheannach chionn bha mi a’ fuireach ann an Uibhist a Deas, cha robh bùth chlàir ann an Uibhist a Deas, cha chreid mi gu bheil no fhathast.
Ach, ’s ann aig an àm sin a ghluais mise bho Uibhist a Deas suas a Steòrnabhagh is Sgoil ’ic Neacail agus coltach ris a h-uile duine eile a bhiodh a’ gabhail a’ cheum a bha sin bho na h-Eileanan a Deas, suas dhan eilean mhòr shuas mu thuath, ’s e a’ chiad rud cha mhòr a bha thu a’ deànamh, bha thu a’ dol sìos am baile agus bha thu a’ dol gu bùth MacIver and Dart. Bha thu a’ ceannach na clàir a bha thu ag iarraidh a cheannach agus sin far an do cheannaich mise na ciad chlàir agam agus bha an clàr a tha mi air a thaghadh, Rumours le Fleetwood Mac, am measg a’ chiad fheadhainn a cheannaich mi.
’S tha ìomhaigh eile a bhios a’ tighinn air ais nam chuimhne cuideachd o chionn bhiodh tu an uair sin, cha bhiodh tu a’ faighinn dhachaigh ach dìreach nuair a bha saor-làithean aig àm na Nollaig no àm na Càisg ’s bhiodh a h-uile duine a’ dol dhachaigh leis na bagaichean aca làn de dh’aodach ach bhiodh baga cuideachd aig a h-uile duine leis na clàir.