Tar-sgrìobhadh: Còig Orain
Ceana Chaimbeul a’ bruidhinn mun òran A Mhic Iain ’Ic Sheumais
Ceana : Dh’èirich e a-mach às eas-aonta tha mi cinnteach eadar Clann Dòmhnaill agus Clann MhacLeòid mu thimcheall fearainn, rud a bha leantainn fad lìnntean. Ach thàinig gnothaichean gu math na bu ghuiniche agus na bu phuinnseanta aig an àm a bha seo.
Phòs Dòmhnall Gorm Mòr, phòs e piuthar Ruairidh Mhòir ach dh’fhàs e searbh dhi. ’S e an t-adhbhar, tha iad a’ ràdh, gun do chuir e bhuaidhe i, gu robh rudeigin ceàrr air a fradharc air aon sùil; chan eil fhios a’m an robh i dall oirre, ach co-dhiù, bha e ga milleadh na shùilean-sa, agus mach leatha, agus chuir e dhachaigh i.
Cha b’ ann gu modhail, dòigheil, cofhurtail, ach air làir ghlas, agus i air aon sùil cuideachd, agus gille na cois air aon sùil agus, tha iad a’ ràdh, cuilean ga leantainn, agus esan air aon sùil cuideachd!
Agus nuair a chunnacas a’ tighinn i dhachaigh a Dhùn Bheagain, ’s thuig daoine gu dè bh’ ann, bha Ruairidh Mòr dìreach caoch dearg air.