Main content

Tar-sgrìobhadh: Feasgar

Pàdruig Moireasdan a’ bruidhinn air Feasgar

Pàdruig: Chan e gu bheil rathaidean mòra againn ann a sheo, chan eil fiu ’s roundabouts no traffic lights. Mar sin, tha sinne gu math cleachdte ri rudan eile nach biodh muinntir na bailtean mòra fhios agad, a thaobh passing places agus rudan mar sinach. Ach an uairsin, nuair a chaidh mis a Dhùn Èideann rinn mise an dearbh, an aon rud, rinn mis' am Pass Plus agus mholainn-sa sin cuideachd. Sin agad far an d’ fhuair mis' an ionnsachadh gu bhith dol air rathaidean mòra 's a bhith dèiligeadh ri roundabouts is rudan mar sin. Ach 's ann às dèidh dhomh an cùrsa bha sinach a dhèanamh a fhuair mi a’ chiad chàr agam agus ‘s ann air cost an Iar Alba a bha e agus b’ fheudar dhomh dràibheadh an uairsin air ais a Dhùn Èideann agus dìreach far an robh mi, ged a bha mi air an cùrsa bha sinach a dhèanamh, dhiùlt mi dhol air na rathaidean mòra, na motorways.

Cathy: Seadh

Pàdruig: Agus sin agad mar a tha na naidheachdan an-diugh ag ràdh. Tha tòrr tha iad a’ diùltadh a bhith falbh air na rathaidean mòra a thoradh nach eil am misneachd aca agus sin agad far a bheil gnothaichean a’ fàs rudeigin cunnartach. Mura h-eil misneachd aig daoine a bhith falbh aig an astar ceart no a bhith dìreach a’ slottadh a-staigh air a' mhotorway, ‘s ann an uairsin a tha gnothaichean a’ fàs meadhanach cunnartach.