Main content

Tar-sgrìobhadh: Murchadh Caimbeul

Iain: Sa bhùth aca fhèin, bha iad a’ reic botail uisge-bheatha air sia mìle not is còrr is sia mìle not.
Murchadh: Aye, tha sin ceart. Rud a tha iad a’ dèanamh an-diugh, tha iad a’ dèanamh na h-uiread de dh’aon seòrsa, agus chan eil iad a’ dèanamh ach a bheag dhiubh. Agus leis a sin, mar as lugha a nì thu dhiubh, ’s ann as motha a bhios a’ phrìs. Agus tha sin a’ cur a’ phrìs an àird, agus daoine aig a bheil ùidh ann, tha iad ga cheannach, agus tha mi a’ creidsinn gu bheil gu leòr aca ga cheannach is nach òl iad riamh e. Tha iad ga chumail airson gun tèid e an àrd ann an luach anns na bliadhnaichean a tha romhainn. Agus tha fiù ’s cuid dhiubh sin nach òl boinne de dh’uisge-beatha, ach tha iad ga chruinneachadh a dh’aona-ghnothaich a chionn tha fhios aca gum bi luach ann.
Iain: A bheil thu fhèin ga chruinneachadh?
Murchadh: Tha beagan agam.
Iain: An tèid agad air a chumail?
Murchadh: Thèid! (gàireachdainn)
Iain: Uill, ’s e an t-eagal a bhiodh ormsa nam biodh botal dhen t-seòrsa sin am broinn an taighe, is nan tigeadh oidhche shònraichte agus gum fosgladh tu e!
Murchadh: Ach, feumaidh tu a chumail air falach ge-tà!
Iain: Ort fhèin!
Murchadh: Seadh!

Murchadh: Tha cuimhne agamsa bliadhnaichean air ais mo mhàthair-chèile a bhith a’ fuireach a-staigh againn agus bha sinne air falbh. Tha mi a’ smaoineachadh gun robh mi fhèin is a’ bhean agam san Eilean Sgitheanach, agus thàinig nabaidh a-nall a chèilidh oirre, is thug i dhi drama, ma b'fhìor dhi fhèin de bhodca bha i a’ smaoineachadh a bh’ ann. Bha e anns a’ bhotal a tha seo, agus cha robh ann ach dìreach mar gum biodh bhodca a’ coimhead. Agus, thuirt i riumsa agus mi air a’ fòn thuice, "Bha blas uabhasach neònach air" o chionn, rinn iad lemonade anns an inneal a bha seo, agus chuir iad ann e, agus bha i a’ smaoineachadh gun robh blas uabhasach neònach air ach bha i a’ smaoineachadh gur e ’s dòcha an lemonade a bha a’ cur a’ bhlas air. Agus thuirt mi rithe, "Dè am botal a bh’ ann?" agus dh’fhosgail i am preasa is thug i a-mach e, is thuirt i, "Botal Cossack". "Uill", ars' mise, "’s e caochan a tha sin". Agus, ’s ann às Èirinn a bha e. Bha nabaidh dhòmhsa ann an Èirinn, agus chuir e thugam botal dheth, agus bheireadh e an amhaich asad ga òl.
Iain: Tha e mar poitín!
Murchadh: Dìreach, ’s e poitín a bh’ ann, ’s e. Cha b’ e caochan a bh’ ann, ’s e caochan a chanadh sinne.
Iain: ’S e ’s e, caochan. ’S aithne dhomh am facal.
Murchadh: ’S e poitín a bh’ ann.
Iain: Bha a’ chailleach a’ dalladh air! (gàireachdainn)