Tar-sgrìobhadh: Ath-Innse - Flòraidh NicIllEathain
Floraidh: Bho chionn fhada ann an tìr fad às, bha rìgh agus bànrigh, agus bha mac aca. Agus dh’fhalbh am mac a dh’iarraidh fhortain. Latha a bha seo, chunnaic e fear agus còta uaine air a’ tighinn na choinneamh. Ach ged a b’ fhada bhuaithe e, cha b’ fhada gus an robh e ma choinneamh.
“An gabh thu gille?”, arsa fear a’ chòt’ uaine.
“Gabhaidh”, arsa mac an rìgh.
Agus chùm iad orra air an slighe còmhla.
Thàinig sneachda trom air an latha a bha sin. Loisg mac an rìgh air fitheach, agus nuair a chunnaic e na laighe anns an t-sneachd e a’ sileadh fala, thug e bòid a’ bhean a bhiodh aigesan gum biodh a falt cho dubh ri itean an fhithich agus a gruaidhean cho dearg ris an fhuil a bha a’ tighinn às, agus a craiceann cho geal ris an t-sneachda air an talamh.
Nuair a bha an oidhche a’ tighinn, thuirt mac an rìgh ri fear a’ chòt’ uaine, “Saoil thusa, càit’ am bi sinn a-nochd?”
Thuirt fear a’ chòt’ uaine, “Na biodh eagal ort.”
Chunnaic iad solas fann fada bhuapa ann an coille, ach ged a b’ fhada bhuapa e, cha b’ fhada gus do ràinig iad e. Nuair a ràinig fear a’ chòt’ uaine doras an taigh mhòir a bha seo, chòmhdaich e e fhèin bho cheann gu chasan am broinn a’ chòt’ uaine. Is nuair a dhèanadh e sin, chan fhaiceadh duine e. Mar sin, chaidh e a-steach.
Bha na poitean air sìor-ghoil agus na coireachan air sàr-ghoil, bonnaich gan tionndadh air griodail agus bioran a’ cur na car dhiubh leotha fhèin.
Agus nuair a thill e a-mach, bhuail iad air an doras agus chaidh fhosgladh. Agus thàinig nighean bhrèagha a-mach, agus bha a falt cho dubh ris an fhitheach, agus a gruaidhean cho dearg ris an fhuil, agus a’ chuid eile de a craiceann cho geal ris an t-sneachd.
Agus chuir i fàilte orra gu dòigheil, agus dh’inns’ i gur e Mòr a b’ ainm dhi, agus dh’iarr i staigh iad, agus fhuair iad an deagh bhiadh ann a sin.
Chaidh an cur a chadal san aon rùm, agus thuirt mac an rìgh ri fear a’ chòta uaine, “Siud an nighean a bhòidich mise a bhiodh agam mar bhean”.